
An t-Urr Aonghas MacLeòid, Eaglais Shaor an Rubha
Seirbheis bhon tasglann còmhla ris an Urr Aonghas MacLeòid (nach maireann) Ministear Eaglais Shaor an Rubha. An archive Gaelic service conducted by the late Rev Angus MacLeod.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 133, 1-3 air fonn Free Church le Murchadh MacLeòid os cionn na seinn
Salm 122, 6-9 air fonn Stornoway le Calum MacLeòid os cionn na seinn
Leughadh: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Philipianach 1: 1-7
Ceann-teagaisg: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Philipianach 1: 3
Rugadh an t-Urramach Aonghas MacLeòid ann an Steòrnabhagh ann an 1948. Chaidh oideachadh ann an Sgoil Lionail ann an Nis. Às dèidh dha an sgoil fhà gail chaidh e gu Sgoil Àiteachais Baile MhicCara airson dà bhliadhna agus fhuair e obair air tuathanas ann an Ceann a' Ghiuthsaich às dèidh sin. Thà inig atharrachadh na bheatha nuair a bha e fhathast ann an Ceann a' Ghiuthsaich agus thòisich e air beatha Chrìosdail a leantainn.
Chaidh e a dh'obair a Ghlaschu an uair sin far an robh e an sàs ann an obair à rachais. Thill Mgr MacLeòid air ais dhan cholaiste agus dhan oilthigh ann an 1973. Chaidh e an toiseach gu Colaiste Langside agus an uair sin gu Oilthigh Ghlaschu oir bha e a-nise airson dreuchd na ministrealachd a thoirt a-mach. Chrìochnaich e a chuid foghlam ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire eadar 1976 agus 1979.
Choinnich Mgr MacLeòid ri bhean, Ellen, nuair a bha e ann an Glaschu agus phòs iad san Iuchar 1975. Bha dithis chloinne aca, nighean agus gille.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Gheà rrloch anns an Lùnastal 1979 agus dh'fhuirich e an sin airson còrr air dusan bliadhna. Chuir coitheanal an Rubha fios thuige aig deireadh 1991 agus chaidh a phòsadh ris a' choitheanal sin aig toiseach 1992. Bha e an sin gu deireadh 2006 nuair a leig e dheth a dhreuchd air sgà th trioblaidean slà inte.
Bhà saich Mgr MacLeòid sa Mhà rt 2010 agus bhà saich a bhean, Ellen, san Fhaoilleach 2011.
Last on
An t-Urr Aonghas MacLeòid nach maireann

Broadcasts
- Sun 14 Apr 2013 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Jul 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Sep 2019 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Mar 2025 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal