Main content

An t-Urr Tommy MacFhionghuin

Còmhla ris an Urr Tommy MacFhionghuin, an Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Rev Tommy MacKinnon, Free Church Minister.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 34: 1-2 air fonn Walsall le Eòin Dòmhnallach os cionn na seinn, le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Portrigh
Salm 32: 1-2 air fonn Martyrdom le Tormod MacIllIosa os cionn na seinn, le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach
Salm 36: 9-10 air fonn Coleshill le Iain Ailig MacLeòid os cionn na seinn, le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ùige an Eilein Sgiathanaich

Leughadh: Corintianaich 5: 17-21
Ceann-teagaisg: Corintianaich 5: 17

'S ann às an Aodann Bhàn san Eilean Sgiathanach a tha Mgr MacFhionghuin agus chaidh e gu Àrd-Sgoil Phort Rìgh gus an robh e còig bliadhna deug a dh'aois. Às dèidh an sgoil fhàgail, fhuair e obair a' càradh innealan agus 's dòcha gu bheil sin follaiseach chun an latha an-diugh mar a chì sibh san dealbh.
Phòs Mgr MacFhionghuin a bhean, Julia, ann an 1975 agus bha triùir chloinne aca - dithis bhalach agus nighean, agus a-nise tha dithis òghaichean aca.
Às dèidh tubaist le car ann an 1984, cho-dhùin Mgr MacFhionghuin gun robh e dol a dhèanamh foghlam aig àrd-ìre agus thill e air ais dhan sgoil ann an 1989/90 far an d' fhuair e teisteanas ann an Gàidhlig, Beurla agus Nuadh Eòlas. Dh'aontaich Eaglais na h-Alba a ghabhail airson trèanadh a bhith na mhinistear agus chaidh e gu Oilthigh Obar Dheathain.
Bha Mgr MacFhionghuin na mhinistear ann an sgìre Earra Ghàidheal airson dà bhliadhna agus an uairsin chaidh e a dh'Uibhist a Tuath far an robh e airson seachd bliadhna. Às an sin, chaidh e gu Siorrachd Rois far an robh e na mhinistear ann an Cille Mhoire agus Lagaidh Eararaidh. Tha Mgr MacFhionghuin an-diugh a' searmonachadh ann an difir choitheanalan dhan an Eaglais Shaor.
Tha ùidh mhòr aig Mgr MacFhionghuin ann an innealan, gu h-àraidh ann an motair-baidhsagalan ged nach bi e a' dèanadh na h-uidhir leotha a-nise.

9 days left to listen

30 minutes

An t-Urr Tommy MacFhionghuin

An t-Urr Tommy MacFhionghuin

Broadcasts

  • Sun 8 Jun 2014 09:00
  • Sun 8 Jun 2014 15:00
  • Sun 21 Sep 2014 09:00
  • Sun 21 Sep 2014 15:00
  • Sun 30 Mar 2025 21:00