Main content
Sorry, this episode is not currently available

Uaigh Iain Chaimbeil, a chailleadh sa chogadh am Bethune air 02 den Mhàirt 1915, dha lorg le chàirdean an 1987. How Nan Macleod found John Campbell's grave, lost at Bethune in WW1.

As t-fhoghar 1914 dh'fhalbh dithis bhràithrean à Garrabost an Leòdhas còmhla dhan Chiad Chogadh. Bha Donnchadh Caimbeul naoi deug agus a bhràthair òg, Iain , dìreach seachd bliadhna deug dùint'. Cha do thill duine dhan dithis. Chailleadh Iain am Bethune san Fhraing air an 2mh là den Mhàirt 1915 agus Donnchadh nas lugha na sia seachdaineanan às dèidh sin aig Ypres. Bha fios gun deach Iain a thiodhlacadh ann an cladh san Fhraing ach nach d'fhuaireas lorg riamh air Donnchadh.

As t-samhradh 1987 ghabh Nan S. Nicleòid agus an duin' aig Iain, Jondy mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e, turas dhan Bheilg 's dhan Fhraing. B' ann às dèidh Iain a chaidh Iaian a thoirt air Jondy. Air cùl a h-inntinn bha Nan a' cnuasachadh ach an dùil an gabhadh lorg fhaighinn air uaigh Iain. Sa phògram seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann a 1987, cluinnidh sinn i ag innse do Jo NicDhòmhnaill mun turas iongantach air an deach iad. Cluinnidh sinn cuideachd bho Anna, piuthar nam balach, agus a' cuimhne fhèin air ùrachadh leis an naidheachd leis an do thill a mac 's a bhean.

30 minutes

Last on

Sun 8 Mar 2015 13:02

Broadcasts

  • Mon 2 Mar 2015 12:03
  • Mon 2 Mar 2015 22:00
  • Sun 8 Mar 2015 13:02