
Episode 7
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Josh Dickson, agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne a' mìneachadh dà phuing gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. He chats to Josh Dickson about his Gaelic learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and ѿý archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 7
Duration: 55:58
-
Tar-sgrìobhadh: Dotair a' Chamara
Duration: 01:23
-
Tar-sgrìobhadh: Còmhla a-rithist
Duration: 02:10
-
Tar-sgrìobhadh: Aimsir le Kirsteen
Duration: 01:23
Tar-sgrìobhadh: Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill
Bu chòir gum falbh an t-uisge anmoch feasgar dhan a’ Chuan a Tuath a’ fàgail an turadh gu ìre mhòr air a chùlaibh le greisean de shoillearachd agus grèine, agus beag air bheag, bidh a’ ghaoth a’ socrachadh ach a-mhàin tro na h-Eileanan mu Thuath. Mu ochd no naoi celsius, is i a’ faireachdainn fuar anns a’ ghaoith.
A-nochd, bidh i na turadh le greisean de dh’iarmailt shoilleir agus gaoth lag. Bidh reòthadh ann do mhòran, mu chòig neo sia celsius fo ìre-reothaidh air an tuath mun Ear. Timcheall air ìre-reothaidh tro na bailtean mòra, agus thig aimsir car sgòthach a-staigh dhan a’ chost an Iar mar a thèid an oidhche air adhart.
A' ghaoth ag èirigh bho dheas an seo cuideachd, mu thrì no ceithir celsius an seo mun àm a ruigeas sinn deireadh na h-oidhche.
A-màireach, tòisichidh an latha tioram, fuar le greisean de shoillearachd agus grèine. Chan fhada a mhaireas sin ge-tà is an t-uisge gu bhith a’ gluasad a-staigh gu siar uair eile, is a’ sgapadh an uair sin tron dùthaich. Èirigh a’ ghaoth bho dheas gu ruige neart gèile tro na h-Eileanan Siar agus mu na Costaichean mun Iar Thuath.
Thig turadh anmoch feasgar mun Chosta an Iar, ach mairidh i sgòthach le uisge aig àmannan mun Ear. Bu chòir beag air bheag gu socraich cùisean feasgar.
Tar-sgrìobhadh: Còmhla a-rithist: Iasgairean Scalpaigh
Alasdair MacLeòid / Daibhidh Moireasdan / Iain Dòmhnallach / Dòmhnall MacSuain
Tom: Alasdair, dè do sgeulachd-sa a-nis? Cuin a thòisich sibh fhèin aig an iasgach?
Alasdair: Uill, bha mise seachd bliadhna fichead mun deachaidh mi thuige.
Tom: Oh, gu sealladh orm!
Alasdair: Chuir mise seachad, chuir mi seachad sia bliadhna ann an Dùn Èideann agus bha mi an uair sin, dà bhliadhna a’ dèanamh mar an tuirt iad national service. Bha mi anns an air force airson dà bhliadhna. Is thàinig mi dhachaigh an uair sin, agus dìreach an t-àm a chaidh Dòmhnall dhan Esralita, bha bha, Murchadh a cheannaich an Esralita, bha e còmhla ri mo bhràthair sa air a’ Venture. Is nuair a cheannaich e an Esralita, chaidh mise na àite san dhan a’ Venture an àite Mhurchaidh. Chaidh mise dhan a’ Venture an uair sin còmhla ri mo bhràthair, sann leis a bha i.
A’ chiad seusan a bha mise sa Venture ann an trì fichead ’s aonan, nuair a bha sinn a’ cunntais aig àm na Bliadhn’ Ùire, tha mi a’ smaoineachadh gur e trì notaichean deug a fhuair mi agus trì pocanan buntàta. Bhitheamaid an uair ud, bhiodh buntàta a’ tighinn às an Èilean Dubh, tarsaing a Gheàrrloch agus bhitheamaid, bhiodh an sgioba air fad a’ dol dhachaigh. Bha làraidh a’ tighinn agus bha na h-eathraichean ag obair còmhla ri chèile, is bhitheamaid a’ toirt dhachaidh buntàta. Agus siud tha mi a’ smaoineachadh a bh’ agam aig Àm na Bliadhn’ Ùire mas math mo chuimhne, trì notaichean deug agus trì pocanan buntàta.
Siud agad a’ bhliadhna, nuair a thàinig an Esralita, is chaidh John Norman innte. Is aig àm na Bliadhn’ Ùir, thuirt a bhean ri John Norman, “Seachainn e! Chan eil beò-shlàint’ gu bhith agad idir ann”.
è math a tha sin? An dèidh na Bliadhn’ Ùire, an uair sin, thòisich an t-iasgach thall air an taobh eile. Rinn sinn cosnadh math an uair sin, thall an taobh Stòr is taobh Loch an Inbhir is an taobh sin.
Tom: Agus bha na bha sin a bhàtaichean ann, robh, ciamar a bha sibh a’ faighinn air adhart còmhla? An robh farpais eadar na bàtaichean cò èԲ na b’ fheàrr neo an robh sibh a’ faighinn air adhart math dha-rìribh?
Cha robh tòrr farmad idir ann. O, cha robh gu dearbh! Cha chanainnsa gun robh gamhlas air thalamh ann, ach iad a’ cuideachadh ri chèile. Bha. Cha robh iad a’ falach càil air a chèile.
Tar-sgrìobhadh: Dotair a' Chamara: Rona Lightfoot
“Agus thionndaidh mi is thill mi air ais, agus dè bha seo”, ars esan, “ach bhan, bhan bheag uaine agus na ceithir rothan is i air casan os a cionn anns an dìg is na solais oirre is a h-uile sìon.”
“Is thuirt mi, “Aww, bidh cudeigin an seo, tha mi an dòchas nach eil duine air a ghoirteachadh.”
Fhuair e, chaidh e sìos dhan dìg co-dhiù, agus shlaod e an doras cùil. Bha ceathrar dhaoine a-staigh ann, ceathrar fhear a-staigh ann a shin, agus lethan-bhotal aca agus iad a’ gabhail òran!
Agus, ’s ann a dh'fhiathaich iad a-staigh e gu dram, agus thuirt e, “Mach à seo!”
Bha e fhèin fuar marbh a’ gaireachdaich air a’ ghnothach. “Mach à seo”, ars esan, “'s na gillean an t-aodach liath a’ fàgail Loch Baghasdail an-dràsta. Mach à sin, agus cuir thu a’ bhan air ais air an rathad agus a-mach à seo.”
Agus rinn iad sin. Ghabh iad a’ chomhairle agus dh’fhalbh iad dhachaigh, ach theab e fhèin spreadhadh a’ gaireachdaich air na ceithir rothan, casan os a cionn agus iad a’ dèanamh pàrtaidh a-staigh anns a’ bhan gun guth air a dhol dhachaigh!
Oisean a’ Ghràmair 7: DÈ DHÈANADH SIBH ? … (Conditional)
è èԲ sibh às aonais càr?
‘W would you do without a car?’
Nan reiceadh sibh ur càr, ciamar a ù ?
ҵ you sold your car, how would you get around?’
An ù sibh air an trèana, air a’ bhus?
‘Would you travel by train, by bus?’
An cleachdadh sibh baidhsagal?
‘Would you use a bicycle?’
è èԲ sibh nam buannaicheadh sibh an Crannchur Nàiseanta?
‘W would you do if you won the National Lottery?’
An ceannaicheadh sibh taigh mòr spaideil?
‘Would you buy a big mansion?’
Am falbhadh sibh air chuairt tron t-saoghal air bàta mòr?
‘Would you go off on a cruise round the world?’
An toireadh sibh airgead dha carthannasan?
‘Would you give money to charities?
Am à sibh morgaids ur caraidean?
‘Would you pay off your friends’ mortgages?’
Bhitheadh sibh beairteach, ach am bitheadh sibh sona?
‘You would be rich but would you be happy?’
Na ’fǻ岹 a bhith (‘what might be, could be’)
An ù sibh air an trèana? Shiùbhladh. (Yes).
ùԲ air an trèana. ‘I would travel by train.’
An cleachdadh sibh baidhsagal? Chleachdadh. (Yes),
Chleachdainn baidhsagal. ‘I’d use a bicycle.’
An ceannaicheadh tu taigh mòr? Cheannaicheadh. (Yes.)
Cheannaichinn taigh mòr spaideil. ‘I’d buy a large mansion.’
Am falbhadh tu air chuairt? Dh’fhalbhadh. (Yes.)
ٳ’fԲ air cuairt tron t-saoghal. ‘I would go off on a world trip.’
Am à tu morgaids nan caraidean agad?
Phàigheadh gu dearbh. (‘Yes of course.’)
ʳàԲ am morgaids aig gach caraid-Facebook agam.
‘I’d pay off all my Facebook friends’ mortgages.’
’S dòcha nach à. ’S dòcha nach pàighinn am morgaids aca.
‘Maybe not. Maybe I wouldn’t pay off their mortgages.’
Am bitheadh tu sona?
Tha mi ’n dòchas gum bitheadh. (‘I hope so.’)
Tha mi ’n dòchas gum bithinn cho sona ri luch ann an lofa!
‘I hope I’d be as happy as a bug in a rug.’
NAN ‘if’
Ma nochdas iad, bruidhnidh mi riutha.
ҵ they appear, I’ll speak to them.’
Ma bha iad ann, chan fhaca mi iad.
ҵ they were there, I didn’t see them.’
ACH…. le –a (‘cùmhnantach’, ‘conditional’): nan (no nam le b, f, m, p).
Nan reiceadh sibh an càr, ciamar a shiubhladh sibh?
ҵ you sold your car, how would you travel?’
Nam buannaicheadh sibh an Crannchur, dè èԲ sibh?
ҵ you won the lottery, what would you do?’
Puing a bharrachd:
Glè thric, an àite Nam bitheadh canar Nan robh, m.e.
Nan robh thu beairteach, phòsainn thu sa bhad.
ҵ you were rich, I’d marry you right now!’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 3 May 2015 21:28ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 6 May 2015 12:03ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 6 May 2015 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 10 May 2015 10:31ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Aug 2015 21:31ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 19 Aug 2015 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 19 Aug 2015 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Aug 2015 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Feb 2021 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 17 Feb 2021 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 17 Feb 2021 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Feb 2021 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.