
Òran do Mhacleòid Dhùn Bheagain
Lèirmheas air an òran ainmeil aig a' Chlà rsair Dall bho iomadh sealladh.
A critique of the well-known Gaelic song, Òran do Mhacleòid Dhùn Bheagain.
Rugadh Ruairidh Mac Mhurich, An Clà rsair Dall, ann am Brà gar, Leòdhas mu 1646. Bha e de shliochd a' Bhritheimh. Fhad 's a bha e san sgoil an Inbhir Nis ghabh e a' bhreac, tinneas a dh'fhà g e dall. B' ann ri linn seo 's dòcha a thòisich e ri 'g ionnsachadh na clà rsaich gu proifeiseanta agus chuir e crìoch air a thrèanadh ann an Èirinn. Nuair a thill e a dh'Alba bha e an lùib còmhlan fhèistearan a bhiodh a' siubhal na dùthcha gus na thachair e an Dùn Èideann ri Iain Breac MacLeòid, ceann-cinnidh nan Lèodach. Thug MacLeòid dha tuathanas air an robh Clagan, mu thrì mìle tuath air Dùn Bheagain, 's dòcha mar phà igheadh airson a bhith na chlà rsair as a' Chaisteal. Bha Pà draig Òg MacCruimein na phìobaire ann mun aon à m.
Mu, no ro 1688, thà inig sgaradh eadar Iain Breac agus Ruairidh agus chaidh an clà rsair a dh'fhuireach an Tobhta Mòr an Gleann Eilge. Bha e an sin gu mu 1700, nuair a thòisich e a' siubhal na dùthcha uair eile, a' dol bho thaigh mòr gu caisteal, a' seinn agus a' cluich dha na h-uaislean. Chaochail Iain Breac sa bhliadhna 1693 agus 's ann ag aoireadh agus a' gearain mun oighre, Ruairidh, a tha An Clà rsair Dall anns an t-òran Òran do Mhacleòid Dhùn Bheagain, a tha ann an riochd còmhradh eadar am bà rd agus mac-talla. Tha e a' toirt dealbh air an dòigh-beatha a bh' ann an Caisteal Dhùn Bheagain.
Sa phrògram tha na seinneadairean Cairistìona Primrose, Mà iri Anna NicUlaraig, Mà iri Nic a' Ghobhainn, Art MacCarmaig, Ceana Chaimbeul a' breithneachadh air an òran agus An Dr Fionnlagh Macleòid a' toirt dhuinn eachdraidh a' Chlà rsair Dhoill. Cluinnidh sinn cuideachd an t-Urr Uilleam MacMhathain a' seinn an òrain agus tha a' bhà rdachd air a leughadh le Fearchar MacIllFhinnein.
Last on
Broadcasts
- Tue 14 May 2019 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 14 May 2019 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 May 2019 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal