Main content
Sorry, this episode is not currently available

Carson nach eil Pluto air a meas mar planaid tuilleadh?

Thuirt ceannard NASA gur e planaid a th' ann am Pluto; ach carson nach eil cuid eile ga meas mar tè? The head of Nasa calls Pluto a planet, but why do many others reject that view?

’Se Coinneach Mac a’ Ghobhainn a tha anns a' chathair an-diugh agus e cluinntinn mu aon eilean a th’ air ceann a thogail anns na naidheachdan airson adhbhar annasach. Bha Dòmhnall Iain Trump airson a’ Ghraonlainn a cheannach bhon Danmhairg, ach carson is ann leis an Danmhairg a tha an t-eilean co-dhiù? Tha Maureen NicLeòid a’ mìneachadh na h-eachdraidh.

Cuideachd tha Mìcheal MacAoidh a’ toirt iomradh air ceann-suidhe Ameireaganach eile a dh’ fheuch ris a’ Ghraonlainn a cheannach. B’ esan Harry Truman, an ceann-suidhe eadar 1945 agus 1953. B’ e an aon cheann-suidhe a-riamh a chleachd armachd niuclasach ann an cogadh, ach dè eile nach aithne dhuinn mu dheidhinn?

Tha Iain MacIlleathain a’ toirt freagairt do cheannard NASA, Jim Bridenstine, is esan air a ràdh gu bheil e fhathast a’ faicinn Pluto mar phlanaid. Sin a dh’aindeoin is nach eil na h-ùghdarrasan ga faicinn mar phlanaid an-diugh. Ach cò tha ceart, agus carson?

Agus tha an t-Oll. Dòmhnall Meek a’ toirt iomradh air na soithichean-smùide ainmeil air an do dh’fhàs sinn cho eòlach anns an t-sreath “The Vital Spark” – “puffers” Abhainn Chluaidh. bbc.co.uk/Coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 28 Aug 2019 09:00
  • Wed 28 Aug 2019 21:00