Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Màiri Byers

An t-Urr Màiri Byers - nighean ministeir, pòst' aig ministear 's i fhèin na ministear. Rev Mary Byers - a minister's daughter, minister's wife and herself a minister.

Mar a thuirt i fhèin, "Thàinig mi dhan t-saoghal seo mar nighean ministeir, thuit mi ann an gaol, 's mi nise na mo bhean ministeir agus cha do stad mi gun ro mi fhèin na mo mhinistear."

Rugadh is thogadh an t-Urr Màiri Byers ann an teaghlach de sheachdnar chloinne ann an sgìre Staidhligearraidh ann an Uibhist a Deas. 'S e ministear a bha na h-athair, an t-Urr Calum Laing, agus b' e am ministear a bh' ann an Tobha Mòr airson iomadach bliadhna. Chaidh i gu Bun-sgoil Thobha Mhòir agus às a sin gu Sgoil Phaibeil an Uibhist a Tuath. Chaidh i gu ruige Àrd-sgoil Phort Rìgh airson foghlam aig àrd-ìre a chrìochnachadh, ach ann an 1947 ghluais an teaghlach gu ruige Alanais agus chrìochnaich i foghlam aig àrd-ìre ann an Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain.

Bhiodh Màiri a-riamh a' leughadh leabhraichean mu bhanaltraman. Bha ùidh aice ann am Florence Nightingale agus bhiodh i cuideachd a' leughadh leabhraichean air an sgrìobhadh le miseanaraidhean. Nuair a dh'fhàg i an sgoil chaidh i a dh'Inbhir Nis a thrèanadh airson a bhith na banaltram agus às a sin chaidh i a Dhùn Èideann. B' ann an Dùn Èideann a choinnich i ris an duine aice (an t-Urr Ailean Byers) agus bha esan a' trèanadh airson a bhith na mhinistear aig an àm agus miann aigesan cuideachd a dhol a-null a theagasg an t-Soisgeil gu tìrean cèin.

Às dèidh dhaibh pòsadh agus esan dreuchd ministeir a thoirt a-mach, chaidh iad a-null gu ruige Ghana agus bha iad a' fuireach ann an àite iomallach an sin. Bha ceathrar a theaghlach aca agus bha Màiri fhèin a' teagasg a cuid chloinne oir cha robh sgoiltean no goireasan foghlaim ro mhath sa sgìre. Thill iad air ais a dh'Alba ann an 1971 agus chaidh iad gu paraiste faisg air Obar Dheathain. Bhiodh Màiri a' toirt seachad tòrr cuideachaidh taobh a-staigh na paraiste, a' teagasg 's a' cuideachadh ann an iomadh dòigh. Le sin, còmhla ris na sgilean a dh'ionnsaich i a' teagasg a cuid chloinne fhèin, chaidh i a dhèanamh cùrsa-teagaisg. Ach cha robh na cùrsaichean 's an trèanadh a' stad aig an sin; tro na bliadhnaichean rinn i cùrsaichean eile co-cheangailte ris an eaglais gus mu dheireadh rinn i cùrsa-trèanaidh airson a bhith na ministear. Ghabh i dreuchd ministeir ann an 1991 agus chaidh i gu Eilean Dhiùra far a robh i a' frithealadh na paraiste sin gu 1998. Anns na bliadhnaichean sin bhiodh seirbheisean Gàidhlig aice ann an Diùra agus an Ìle.

Leig Màiri dhith dreuchd paraiste ann an 1998 oir cha robh an duine aice Ailean a' cumail ro mhath, ach airson iomadach bliadhna as dèidh sin bha i ga cumail fhèin gu math trang far a robh i a' fuireach, faisg air na Crìochan, le bhith a' frithealadh ospadail agus taighean-eiridinn ann an sgìre Annan, agus cuideachd a' searmonachadh gu math tric air Là na Sàbaid.

Bhàsaich Mgr Byers ann an 2013 agus bhàsaich Màiri fhèin air an treas là den t-Samhain 2018 aig aois ceithir fichead sa còig.

30 minutes

Last on

Sun 15 Aug 2021 21:00

Broadcast

  • Sun 15 Aug 2021 21:00