
Barbara NicFhearghais
Dan Moireach ann an còmhradh ri Barabara Nic Fhearghais, a chaidh a Chanada ann an 1924. Dan Murray in conversation with Barbara Ferguson, who emigrated to Canada in 1924.
Tha còrr air dà fhichead bliadhna bho chualas Dan Moireach, a bhà saich sa Lùnastal, air radio an toiseach. Bhiodh e tric ri chluinntinn air Aithris na Maidne sna 80an nuair a bha e ag obair aig gà rradh-òla Àranais agus an obair aig à irde. Às dèidh dha obair là itheil a leigeil seachad, fhuair e sreath phrògraman dha fhèin air a robh An Tac an Teine, far am biodh e a' còmhradh ri daoine mu iomadh cuspair. B' e craoladair a bh' ann aig a robh dà imh là idir ris a' luchd-èisteachd agus ris na daoine ris a robh e a' còmhradh.
A seo bha Dan An Tac an Teine còmhla le Barbara NicFhearghais, Barabal Dhòmhnaill Chaluim, a rugadh an Crò Mòr ann a' sgìre nan Loch a Leòdhas ann an 1992. Ghluais an teaghlach 's i na nighean òig a Steòrnabhagh agus dh'fhà g i sgoil aig ceithir bliadhna deug nuair a chaidh i a dh' obair aig na kippers, a' ruighinn St Ives sa Chòrn ri linn na h-obrach. Ach bha i fhèin 's a caraidean air cluinntinn mun t-saoghal ùr a bhathas a' gealltainn dhan fheadhainn a sheòladh a Chanada air a' Mharloch 's air a' Mhetagama, 's cha b' e ruith ach leum nuair a thà inig an cothrom.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Thu 28 Dec 2023 08:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal