Main content
Sorry, this episode is not currently available

Denis Bhràdhagair 2/6

Coinneach Caimbeul, Denis Bhràdhagair ann an còmhradh ri Annella NicLeòid. Kenneth Campbell, 'Denis' of Denis Autos in Bragar, in conversation with Annella Macleod about his life.

Chan eil mòran a tha a' sreap ris a’ cheithir fichead a tha a’ ruith gnìomhachas sia là san t-seachdain a th’ air a bhith dol còrr air leth-cheud bliadhna, ‘s a tha a cheart cho càilear dha ‘s a bha e riamh; ach chan eil mòran dhaoine coltach ri Coinneach Caimbeul, neo Denis Bhràdhagair mar as fhèarr a dh’aithnichear e.

Tha na mìltean de chàraichean, bhanaichean, làraidhean agus baidhseagalan air a thighinn tro dhorsan a’ gharaids aige ann am Bràdhagair air taobh siar Leòdhais tro na bliadhnaichean sin agus tha daoine fhathast a’ tadhal a dh’iarraidh puist feans, geataichean, pìos airson càr neo, ‘s dòcha nas trice an-diugh, pìosan airson tractar.

Agus an teis-meadhan cùisean tha Denis sa bhoiler-suit, le facal aige dhan a h-uile duine agus gàire air aodann. Duine bho dhuine a-mach ‘s a-steach, sean is òg, ‘s seanchasan is gàireachdainn ri chluinntinn gun sgur. Chan eil abhsadh air. ‘S tha cuimhne aige a tha neo-chumanta.

Chaidh Annella NicLeòid a chèilidh air sa gharaids às dèidh dhan obair là aige a bhith seachad agus san dàrna prògram cluinnidh sinn mu obair an Glaschu agus mu obair às dèidh dha tilleadh dhachaigh.

30 minutes

Last on

Sun 9 Feb 2025 10:00

Broadcasts

  • Mon 3 Feb 2025 15:30
  • Wed 5 Feb 2025 20:00
  • Sun 9 Feb 2025 10:00