Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.

Tha muinntir Chanada a’ cur earbsa san fhear a bha roimhe na riaghladair air Banca Shasainn, Mark Carney, gus an stiùireadh mar Phrìomhaire tro na mìosan agus bliadhnaichean a tha romhpa. Bha an t-Àrd-ollamh, Rob Dunbar à Canada a' toirt beachd air dè bhios ro Mhaighstir Carney agus an dùthaich san àm ri teachd.

B' iad Murdina NicDiarmaid - tè-iomairt do chiorramaich às na Hearadh - agus Johanna-Ruth Dobschiner - a mhair beò tro sgrios-cinnidh nan Iùdhach san Dàrna Cogadh - an dithis bhana-ghaisgeach ann an eachdraidh a thagh Mòrag Rothach. Cò bh' unnta, agus carson a tha na sgeulachdan aca cho tarraingeach do Mhòrag?

'S i a' bhana-bhàrd Anna Frater, a bhuineas do Phaibil ann an sgìre an Rubha ann an Leòdhas, a bha air aoigheachd aig Cathy NicDhomhnaill an-diugh.

Agus chuala sinn mu thaisbeanadh ùr a' Lanntair ann an Steòrnabhagh, a tha a' comharrachadh 40 bliadhna, bho Ruairidh Moireach is Alex NicDhòmhnaill.

57 minutes

Last on

Sun 16 Mar 2025 12:00

Broadcast

  • Sun 16 Mar 2025 12:00