le Cathy NicDhòmhnaill
Dè an dòigh as fheà rr do bhagaichean a chuir an òrdugh airson là ithean saora? Cathy MacDonald hears top tips on packing light from frequent flyers.
Tha dealbh-chluich ùr, "Through the Shortbread Tin", leis a' bhà rd Mà rtainn O' Connor gu bhith ri fhaicinn air feadh Alba thairis air na seachdainean a tha ri thighinn -eadar Steòrnabhagh, Sealtainn, is Dun Èideann. 'S ann stèidhte air mar a chuir Seumas MacMhuirich bà rdachd Oisein ri chèile mar eadar-theangachadh - is na lean de chonnspaid mu bhreugan, foill, is toirt-a-chreids ceangailte riutha - a tha e, le aithris anns a' Bheurla Ghallda, is òrain Ghà idhlig cuideachd san dealbh chluich. Fhuair John Neil Dòmhnallach chun a' chiad oidhche dhen dealbh-chluich ann am Maol Rois - saoil dè rinn e fhèin dheth?
Le là ithean saora air fà ire do na mìltean aig à m na Cà isge - 's iomadh duine againn a bhios a' leum air is a' bruthadh nam bagannan againn, feuch am faigh sinn gach stiall aodaich dhan a' mhà ileid. Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir a tha gu math eòlach air a bhith siubhal tro na puirt-adhair - is a' cluinntinn dè chomhairle a th' aca fhèin son dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile cà il anns na bagaichean.
Tha Fionnlagh MacIlleFhinnein air a bhith ri rùrach sna bùithtean carthannais a' feuchainn dè na leabhraichean air am faigh e lorg.
Agus tha Jenny NicDhòmhnaill a' toirt dhuinn blasad air na tha ri fhaicinn, ri chluinntinn, is ri fheuchainn aig Fèis Saidheans Dhun Èideann.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 3 Apr 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Apr 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal