le Cathy NicDhòmhnaill
Dè cho mòr is a tha pà rtaidh Reform na chunnart do na pà rtaidhean poilitigeach eile? How big a threat is Reform for the UK's established major parties?
Dè cho mòr is a tha pà rtaidh Reform na chunnart do na pà rtaidhean poilitigeach eile? Sin a' cheist a tha air mòran ann an saoghal poilitigs Bhreatainn; eadar Holyrood, Westminster, and iomadach comhairle ionadail cuideachd. Ach dè th' aig cnag na cùis, agus a bheil na cunntasan-beachd a' toirt dhuinn sealladh air adhartas don phà rtaidh aig Nigel Farage? Tha an eòlaiche poilitigeach Murchadh MacLeòid agus an tè-naidheachd phoilitigeach Anna NicLeòid ag aithris.
Le prìsean air feadh na dùthcha ag èirigh, dè mu dheidhinn prìs a' chofaidh? Sin cuspair eile a th' aig Cathy cuide ri triùir a tha gu math dèidheil air copan teth de chofaidh tron a' latha - agus a tha còmhla rithe son beagan còmhraidh a dhèanamh air mar a tha prìsean (agus na cofaidhean fhèin) ag atharrachadh.
Cluinnidh sinn cuideachd mu rud air a bheil iomadach duine eòlach, eadar suipeirean, diathadan aithghearr, is grèim-bidhe ann an cabhaig a-muigh: toasties! A-rèir choltais tha toastie le cà is a' tilleadh gu na truinnsearan againn gu math nas trice - ach dè tha gan dèanamh tarraingeach? Tha dithis chòcairean, Ùisdean MacLeòid agus Seonag Nic a' Ghobhainn, a-seo le 'n comhairle fhèin.
Agus 's i Mira Byrne a th' air leabhraichean a lorg dhuinn sna bùithtean carthannais an t-seachdain sa. Cha bheag na cuspairean air a bheil i togail leotha a bharrachd. Eadar Atlantis agus fà sach a' Sahara, 's math as fhiach èisteachd ri mar a chaidh dhith, agus na seudan beaga annasach a lorgas tu anns na bùithtean sin.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 10 Apr 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Apr 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal