Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Carson a tha e cudromach gu bheil stàilinn ga dhèanamh sa rìoghachd seo fhèin? Why is it important for Britain to have the capacity to produce steel?

Tha an connadh gus fùirneisean stàilinn Scunthorpe a chumail a’ dol air an t-slighe – is e cudromach, a-rèir a riaghaltais, gun cum Breatainn an comas stàilinn a dheanamh sa rìoghachd. Ach dè cho cudromach is a tha e gu bheil stàilinn ga dhèanamh ann am Breatainn? Còmhla ri Cathy son cagnadh air a' cheist sa tha an t-eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain, an t-eòlaiche innleadaireachd, Murchadh Moireach; agus an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais.

Tha an àireamh de dhaoine a tha a' ceannach ath-aodach, à bùithtean carthannais agus air loidhne, air a dhol am meud sna bliadhnaichean mu dheireadh. Aig aòn àm bhiodh daoine a' cleith gu robh iad a' ceannach à bùithtean carthannais ach an diugh chan eil nàire sam bith orra innse. Cluinnidh sinn bho thrìuir mun na bargain a fhuair iad fhèin.

Agus 's e Coinneach MacIlleathain a th' air dithis ghaisgeach a thaghadh à eachdraidh dhuinn an t-seachdain sa. Agus 's e dithis sgoilear air leth comasach a tha e air taghadh: an t-Urr. Dòmhnall MacNeacail, a sgrìobh "Mo Shùil Ad Dhèidh"; agus Eòghainn MacLachlainn, a dh' eadar-theangaich an Iliad dhan a' Ghàidhlig.

30 days left to listen

57 minutes

On radio

Today 22:25

Broadcasts

  • Today 09:00
  • Today 22:25