Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Bheil sinn càil nas fhaisge air tuigse dè thachair don dealan sa Spàinn is Portugal? Are we any closer to explaining the loss of power in Iberia earlier this week?

Bheil sinn càil nas fhaisge air tuigse dè thachair don dealan sa Spàinn is Portugal? Nuair a chaidh an dealan dheth san dà dhùthaich Diluain, chaill na milleanan cumhachd airson uairean fada a thìde. Tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais a' toirt dhuinn a bheachd fhèin air a' chùis.

70 bliadhna bho thàl an soisgeulaiche Billy Greumach na mìltean mora gu shearmoin ann an Alba, tha Cathy a' faighinn facal air triùir - cuid a bh' ann nuair a bha e searmonachadh sa linn sin, is cuid eile tha gu math eòlach air a' bhuaidh a thug e air an dùthaich.

Cluinnidh sinn mu sheann chleachdaidhean Latha Buidhe Bealltainn, is i againn an-diugh, bhon t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart.

Agus tha Dòmhnall Dòmhnallach a' mìneachadh nan trioblaidean teicneòlais agus an eucoir didseatach a tha air iomadach trioblaid adhbhrachadh dhan chompanaidh Marks & Spencer an-dràsta.

27 days left to listen

57 minutes

Last on

Thursday 22:25

Broadcasts

  • Thursday 09:00
  • Thursday 22:25