Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Tha Màiri a’ dèanamh staran agus a’ tadhal air dithis le croitean iongantach. Mairi goes path building and harvesting before visiting an island woodland and market garden.

Tha Màiri NicGilliosa air ais anns a’ ghàrradh. Tha obair gu leòr roimhpe anns an lios agus bi i a’ tadhal air iomadh gàirnealair inntinneach a bheir fiosrachadh agus brosnachadh dhi.

’S ann à Dùn Èideann a tha Màiri agus ged a tha i gu math eòlach air a bhi a’ fàs rudan air tir-mòr, b’e an uiridh a chiad bhliadhna aice a’ cur agus a’ fàs anns a’ ghàrradh ùr aice ann a Leòdhas. Tha pìos talamh glè mhòr timcheall air an dachaigh aice, agus chunnaic sinn i a’ toirt cruth-atharrachaidh air anns a chiad sreath an uiridh.

Tha Màiri a’ cumail oirre a’ toirt piseach air an lios. Anns a’ phrògram mu dheireadh ‘san t-sreath, tha i a’ cuideachadh le staran a dhèanamh agus a’ togail glasraich. Tha i a’ tadhal air Robin Reid a th’air tòrr chraobhan a chuir air a’ chroit aige anns na Bàigh anns na Hearadh, agus air John Hamilton a th’air gàrradh iongantach a chruthachadh air a’ chroit aige fhèin ann a Leòdhas.

Mairi’s back at work in her island garden, embracing the joys and challenges of growing in the Hebrides and learning from other passionate growers along the way.

It’s Mairi Gillies’s second year growing in her garden on the island of Lewis. We follow her as she further develops the garden and seeks advice and inspiration from other enthusiastic growers.

Although Mairi is an experienced horticulturalist, gardening on a Hebridean island with its unique weather challenges was a new experience for her. Last year, we saw her start to develop her garden, a large space surrounding her new home which was in need of some TLC. Mairi has a limited budget, and aims to keep her carbon footprint as low as possible.

Mairi gets some help with building a path to her crub and harvests her veg. She meets Robin Reid who has created a woodland in the rocky Bays of Harris and John Hamilton who has established a market garden on the Isle of Lewis.

In Gaelic with English subtitles

Release date:

29 minutes

On TV

Wed 30 Apr 2025 21:35

Broadcast