Main content
An Litir Bheag 1042
Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1042. This week's short letter for Gà idhlig learners.
Last on
Last Sunday
13:30
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Previous
Next
Corresponding Litir
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1346
Clip
-
An Litir Bheag 1042
Duration: 03:23
An Litir Bheag 1042
Bha sinn a’ toirt sùil air tairbeartan na h-Alba. Anns a’ cheann a deas, faisg air Maol nan Gall – The Mull of Galloway – tha West Tarbet agus East Tarbet. Eatarra, tha tairbeart no isthmus.Ìý
Tha Tairbeart Loch Fìne a’ ceangal Cinn Tìre ri Cnapadal. Le bhith a’ tarraing bà ta thairis air an tairbeart sin, bhiodh seann mharaichean a’ seachnadh turas-mara fada timcheall Maol Chinn Tìre.
Cuideachd ann an ceann a deas na Gà idhealtachd, tha Tairbeart Loch Laomainn. Tha e ainmeil ann an eachdraidh. Ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a trì (1263), ro Bhlà r na Leargaidh Ghallta, tharraing Lochlannaich an longan eadar Loch Long (a tha na loch-mara) agus Loch Laomainn (a tha na loch-uisge). Rinn iad creach air bailtean air cladaichean Loch Laomainn.
Tha tairbeart eadar an Linne Dhubh faisg air a’ Ghearasdan agus Loch Suaineart faisg air Àird nam Murchan. Chì sibh Glen Tarbert air mapaichean.
Faisg air Malaig, tha tairbeart eadar Loch Mhòrair agus Loch Nibheis. Air Eilean Chanaigh, tha Tarbert Bay ann far a bheil an t-eilean caol agus còmhnard. Agus, ann an Eadar Dà Chaolas, faisg air Sgobharaidh, tha an tairbeart as fhaide tuath, air cladach Linne Shannda.Ìý
Sin na tairbeartan air taobh an iar na h-Alba. Ach tha trì air an taobh an ear. Tha fear air eilean ann an Linne Fhoirthe ris an canar Fidra. Tuath air sin, air an Isle of May, tha tairbeart eile ann. Tha e na chaolas-mara nuair a tha an là n ann.
Ann an Ros an Ear, faisg air Port mo Cholmaig, tha tairbeart air leth inntinneach. Chan eil ‘isthmus’ follaiseach. Ach tha am facal tairbeart a’ nochdadh gu tric, leis an dreach ‘Tarbat’ ann am Beurla. Tha Tarbat Ness ann, far a bheil taigh-solais. Ann am Port mo Cholmaig, tha Tarbat Church of Scotland, Tarbat Golf Course agus Tarbat Historic Trust, am measg eile. Ach cà it a bheil an tairbeart fhèin?!
Bha a’ cheist sin riamh a’ cur dragh orm. Ach saoilidh mi gun do lorg mi fuasgladh. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir.

The Little Letter 1042
We were looking at the tarberts of Scotland. In the south, near Maol nan Gall – The Mull of Galloway –there are West Tarbet and East Tarbert. Between them, there is a tarbert or isthmus.
Tarbert Loch Fyne connects Kintyre with Knapdale. By drawing a boat across that isthmus, old mariners would avoid a long sea-journey around the Mull of Kintyre.
Also in the southern GÃ idhealtachd, there is Tarbet Loch Lomond. It is famous in history. In 1263, before the Battle of Largs, Norsemen dragged their ships between Loch Long (which is a sea-loch) and Loch Lomond (which is a freshwater loch). They plundered settlements on the shores of Loch Lomond.
There is a tarbert between Loch Linnhe near Fort William and Loch Sunart near Ardnamurchan. You can see ‘Glen Tarbert’ on maps.
Near Mallaig, there is a tarbert between Loch Morar and Loch Nevis. On the Isle of Canna, there is Tarbert Bay where the island is narrow and flat. And, in Eddrachillis, near Scourie, there is the most northerly tarbert, on the shore of the Sound of Handa.
Those are the tarberts in the west of Scotland. But there are three in the east. One is on an island in the Firth of Forth called Fidra. North of that, on the Isle of May, there is another tarbert. It is a sea-channel at high tide.
In Easter Ross near Portmahomack, there is a very interesting tarbert. There is no obvious isthmus. But the word tairbeart appears often, with the form ‘Tarbat’ in English. There is Tarbat Ness, where there is a lighthouse. In Portmahomack, there are the Tarbat Church of Scotland, Tarbat Golf Course and Tarbat Historic Trust, among others. But where is the tarbert itself?!
That question was always bugging me. But I reckon I [have] found an answer. I’ll tell you about it in the next Litir.

Broadcast
- Last Sunday 13:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.