
16/07/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 113
Duration: 03:40
An Litir Bheag 113
Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn, thuirt feadhainn rium, “Cuin a tha na h-eileanan agaibh a’ dol a thighinn fo smachd Eilean Mhanainn a-rithist?” Bha iad a’ ciallachadh eileanan taobh siar na h-Alba. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh iad ri fealla-dhà . Ach chan eil mi cinnteach.
Tha ceanglaichean eachdraidheil là idir ann eadar Eilean Mhanainn agus Alba. Chan e a-mhà in na cà nanan Gà idhealach. Ach cuideachd na ceanglaichean a bh’ ann ri linn nan Lochlannach.
Nochd a’ Ghà idhlig – no Gaelg – ann an Eilean Mhanainn anns a’ chòigeamh linn. Bha an cà nan is cultar là idir. Eadhon nuair a thà inig na Lochlannaich, ’s e a’ Ghà idhlig a mhair. Thug na Lochlannaich buaidh mhòr air an t-siostam phoilitigeach. Ach cha tug iad buaidh mhòr air a’ chà nan. Tha barrachd fhaclan Lochlannach ann an Gà idhlig na h-Alba na tha anns a’ Ghà idhlig Mhanainnich.
Tha grunn ainmean-à ite Lochlannach ann, ge-tà . Mar eisimpleir, Laxey. Tha sin a’ tighinn bhon aon fhreumh ri Lacasaigh ann an Leòdhas. Tha e a’ ciallachadh “abhainn a’ bhradain”. Tha Lacasdal ann an Leòdhas a’ ciallachadh “gleann a’ bhradain.”
Tha mòran ainmean cinnidh ann an Eilean Mhanainn a’ tighinn bhon Ghà idhlig. Chan eil mòran ann le Mac aig an toiseach, ge-tà . Dh’atharraich Mac gu tric gu dìreach C – no san latha an-diugh C, K agus Q. Mar eisimpleir, thà inig Kermode bho MacDhiarmaid, Quarry bho MacGuaire agus Kissack bho MacÌosaig.
Anns an aonamh linn deug, bha Eilean Mhanainn aig ceann rìoghachd – Rìoghachd Mhanainn is nan Eilean. B’ iad na h-eileanan sin an fheadhainn far chosta siar na h-Alba. Bha na ceudan de dh’eileanan ann. Ach a thaobh riaghladh, bha iad a’ cunntadh trithead ’s a dhà (32). Bha Eilean Mhanainn gu deas air a’ chòrr. Ach bha e aig cridhe poilitigeach na rìoghachd.
B’ e pà rlamaid nan eilean Tinvaal – no Tynwald – facal a tha a’ ciallachadh “pà rlamaid” ann an Lochlannais. ’S ann às a sin a thà inig an t-ainm-à ite Beurla a th’ air Inbhir Pheofharain – Dingwall. Tha Tinvaal fhathast a’ dol – agus a’ dol gu math. Tha Manainnich moiteil aiste. Tha iad ag rà dh gur ise a’ phà rlamaid as fhaide a mhair – gun bhriseadh sam bith – air an t-saoghal. Bho là ithean nan Lochlannach chun an latha an-diugh.
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.