
11/09/2006
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 70
Duration: 03:56
An Litir Bheag 70
Tha am facal fear air a dhol rud beag boireann. Bidh feadhainn ag rà dh an fhear airson the man, seach am fear. Mar eisimpleir – sin an fhear a bha mi a’ ciallachadh an à ite sin am fear a bha mi a’ ciallachadh. Ach an e rud ùr a th’ ann? Uill, chan e. Bha feadhainn ag rà dh sin trà th anns an naoidheamh linn deug.
Tha liosta aig Iain Foirbeis anns an leabhar aige Grà mar Dùbailt Beurla is Gà idhlig. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843). ’S e an t-ainm air an liosta Improper Gaelic Phrases. Tha an fhear ud – yon fellow, that man – nam measg.
Ach tha Foirbeis à ilgheasach. Tha e ag rà dh nach eil feagal ceart airson “fear” no “fright”. Tha e ag rà dh gur e eagal a tha ceart. Agus tha e mì-thoilichte le bhrist e a chas. Is toigh leis bhris e a chas. Ach buinidh na rudan seo do dhualchainntean na Gà idhlig. Agus nach eil beairteas anns na dualchainntean againn?
Tha seo aig Foirbeis: Àrdachdainn, cruinneachdainn, cinneachdainn, ceasnachdainn ... and the like are improperly used by vulgar speakers for à rdachadh, cruinneachadh, ceasnachadh etc. Ach ’s e sin rud dualchainnteach cuideachd. Agus tha seo aige: The erroneous practice of pronouncing adh or eadh like ubh prevails to a great extent in Ross and Sutherlandshire; as bheirubh, chuirubh, chitu ... for bheireadh, chuireadh, chiteadh... Obh obh! ’S e a bha cruaidh!
Tha liosta de dh’abairtean Frangach aig Foirbeis. Tha a’ Ghà idhlig ann air an son cuideachd. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh na Gà idhlig. Tha mi airson ’s gun can sibhse dè an Fhraingis a th’ air gach abairt Ghà idhlig.
Seo a-nist iad: Ceann ri ceann. Ceann ri ceann – tête-à -tête. Strà c crìochnachaidh. Strà c crìochnachaidh – coup de grâce; Seòmar uaigneach mnà uaisle. Seòmar uaigneach mnà uaisle – boudoir. Ann am meall. Ann am meall – en masse. Gille-seòmair. Gille-seòmair – valet de chambre. Fear ionnsaichte. Fear ionnsaichte – savant. Dia ’s mo chòir. Dia ’s mo chòir – Dieu et mon Droit.
An robh sibh math orra? Bha? Très bien! Glè mhath. Agus a-nise, mar a chanas na Frangaich – au revoir.
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.