Main content
Sorry, this episode is not currently available

21/08/2006

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 67

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhlàr na Lèine an t-seachdain sa chaidh. Bha sin aig ceann Loch Lòchaidh ann an còig ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1544). Bha na Frisealaich an sàs ann. Chaill iad mòran dhaoine anns a’ bhatail.

Tha na Frisealaich inntinneach. Thàinig iad a dh’Alba bhon Fhraing. Bha sin mu naoi ceud bliadhna air ais.

Agus tha lus inntinneach air an t-suaicheantas aca. Tha lus co-cheangailte ri gach cinneadh. ’S e an lus a tha co-cheangailte ris na Frisealaich – an sùbh-làir. Dè tha sùbh-làir a’ ciallachadh? The ground-berry. Is dè a’ Bheurla a th’ air sùbh-làir? Strawberry. Agus ’s e sùbh-craoibh a’ Ghàidhlig air raspberry.

Co-dhiù, bha an sùbh-làir air suaicheantas nam Frisealach anns an treas linn deug. Ach carson? Uill, seo stòiridh bho bheul-aithris. Agus cuimhnichibh gur e Fraser a th’ orra ann am Beurla.

Tha Fraser co-cheangailte ris an fhacal fraise ann am Fraingis. Tha fraise a’ ciallachadh sùbh-làir. Tha na tartes aux fraises anns an Fhraing uabhasach math.

Bha fear Frangach ann air an robh Julius de Berry. Bha e a’ cur sùbhaichean-làir don rìgh. Bha an rìgh uabhasach toilichte. Dh’òrdaich an rìgh dha ainm atharrachadh gu Fraise. Agus dh’òrdaich e dha sùbhaichean-làir a chur air a shuaicheantas.

Tha cuid ag ràdh gur e Fraissier an t-ainm a thagh an rìgh. Tha sin a’ ciallachadh “fear a bhios a’ giùlain sùbhaichean-làir.” Fraissier. Tha e coltach ri Fraser, nach eil? Uaireigin às dèidh sin, dh’fhalbh feadhainn de na Fraissiers a dh’Alba.

Tha an stòiridh glè laghach. Ach a bheil e fìor? Tha amharas agam nach eil. Tha e stèidhichte air an ainm ann am Beurla. Ach ’s e Friseal an t-ainm a th’ orra ann an Gàidhlig. Chan eil Friseal is fraise cho coltach ri chèile, a bheil?

Tha cuid ag ràdh gur e de Freselieres an t-ainm a bh’ air na Frangaich a thàinig a dh’Alba. De Freselieres. Chuir na Gàidheil Friseal orra, is chuir luchd na Beurla Fraser orra. Tha sin nas coltaiche, nach eil? Ach chan eil càil agam an aghaidh sùbhaichean-làir. Chan eil càil nas fheàrr na sùbhaichean-làir ann am bobhla le uachdar air latha teth samhraidh.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: mu Bhlàr na Lèine an t-seachdain sa chaidh: about the Battle of the Shirts last week; aig ceann Loch Lòchaidh: at the head of Loch Lochy; chaill iad mòran dhaoine: they lost many men; thàinig iad a dh’Alba bhon Fhraing: they came to Scotland from France; air ais: ago (back); air an t-suaicheantas aca: on their [clan] badge; a tha co-cheangailte ris na Frisealaich: which is connected to the Frasers; sùbh-làir: strawberry; sùbh-craoibh: raspberry; cuimhnichibh gur e Fraser a th’ orra ann am Beurla: remember [pl.] that it is Fraser they are called [that is on them] in English; co-cheangailte ris an fhacal: connected to the word; tha na tartes aux fraises anns an Fhraing uabhasach math: the strawberry tarts in France are very good; bha fear Frangach ann air an robh: there was a Frenchman called [on whom was]; dh’òrdaich an rìgh dha [a] ainm atharrachadh: the king ordered him to change his name; dh’òrdaich e dha sùbhaichean-làir a chur air a shuaicheantas: he ordered him to put strawberries on his [family] crest/badge; tha cuid ag ràdh: some people say; gur e X an t-ainm a thagh an rìgh: that it is X the name that the king chose; fear a bhios a’ giùlain sùbhaichean-làir: a strawberry carrier; uaireigin às dèidh sin: sometime after that; dh’fhalbh feadhainn a dh’Alba: some left for Scotland; glè laghach: rather nice; tha amharas agam nach eil: I suspect not; stèidhichte air: based on; chuir na Gàidheil Friseal orra: the Gaels called them Friseal [the Gaels put Friseal on them]; tha sin nas coltaiche: that’s more likely; chan eil càil agam an aghaidh sùbhaichean-làir: I have nothing against strawberries; chan eil càil nas fheàrr: there’s nothing better; ann am bobhla le uachdar: in a bowl with cream; air latha teth samhraidh: on a hot summer’s day.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast