Main content
This programme is not currently available

Tubaist a' Wahine

Sgeulachd na tubaist-mara as miosa ri cuimhne a bhuail Sealainn Nuadh sa Ghiblean 1968. Kenny Macleod recalls the sinking of the ferry Wahine in New Zealand on 10th April 1968.

Air an deicheamh là den Ghiblean 1968 chaill còrr air leth-cheud duine am beatha nuair a chaidh am bàt'-aiseag a' Wahine air na creagan taobh muigh Wellington ann a Sealainn Nuadh. Seo an tubaist-mara as miosa san rìoghachd an cuimhne dhaoine. Bha Coinneach Macleòid nach maireann, Kenny Mary Anne, mar a b'eòlaich daoin' air, bhon a' Bhac an Leòdhas anns a' chriubha. Bha e air a bhith seòladh fad iomadh bliadhna ron a sin agus air a dhachaigh a dhèanamh thall. Ann an 1991 bha e an Leòdhas air làithean-saora agus bhruidhinn e ri Flòraidh NicIllEathainn mu bheatha agus mun oidhche uabhasach a chailleadh a' Wahine.

30 minutes

Last on

Sun 13 Apr 2014 09:30

Clip

Broadcasts

  • Thu 10 Apr 2014 13:30
  • Thu 10 Apr 2014 22:00
  • Sun 13 Apr 2014 09:30