
Deireadh Linn
Ceangal ris an teaghlach MacCallum a' tighinn gu ceann am-bliadhna an Taigh-òsta Roghadail. End of an era for the MacCallum family and their connection to Rodel Hotel in Harris.
Aig deireadh an t-samhraidh thà inig naidheachd gun robh Taigh-òsta Roghadail ann an ceann-a-deas na Hearadh a' dùnadh a dorsan airson an uair mu dheireadh agus ga cuir air a' mhargaidh, a' ciallachadh deireadh a' cheangail ris an teaghlach MacCallum aig an robh an Taigh-òsta bho 1934. B' e togalach a bha seo a choisinn cliù ann an eachdraidh a' dol air ais gu 1781 nuair chaidh a togail le Alasdair MacLeòid a bhuineadh do Bheà rnaraigh 's aig an robh oighreachd na Hearadh aig an à m.
Anns a' phrògram an-diugh tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' faighinn dealbh air an togalach fhèin bho fheadhainn a bha an dà chuid ag obair ann agus a' frithealadh an à ite. Tha Flòrag Nic A' Phiocair, Dollag NicIllEathain agus Tina NicLeòid ag innse mun obair eadar-dhealaichte bh' aca ri dhèanamh gach latha. Gheibh sinn dealbh air cò ris an robh e coltach a bhith ag obair air cùl cunntair a' bhà r san taigh-sheinnse còmhla ris na brà ithrean Ailean agus Aonghas MacIllEathain agus gheibh sinn sgeulachdan gu leòr mu na caractaran a bhiodh a' tadhal ann.
Cluinnear cuideachd mun chliù a bh' aig Taigh-òsta Roghadail airson an uisge-beatha aig an robh ceangal rìoghail, Royal Household. Tha Iain Murchadh Moireasdan ag innse mun eachdraidh co-cheangailte ris agus tha feadhainn ag innse mar a tha iad fhèin an-diugh a' gabhail aithreachas nach do ghlèidh iad fhèin botal dheth!
Last on
Taigh-òsta Roghadail

Broadcasts
- Wed 28 Dec 2016 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Dec 2016 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Aug 2017 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Aug 2017 22:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Aug 2017 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal