Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ceangal ris an teaghlach MacCallum a' tighinn gu ceann am-bliadhna an Taigh-òsta Roghadail. End of an era for the MacCallum family and their connection to Rodel Hotel in Harris.

Aig deireadh an t-samhraidh thàinig naidheachd gun robh Taigh-òsta Roghadail ann an ceann-a-deas na Hearadh a' dùnadh a dorsan airson an uair mu dheireadh agus ga cuir air a' mhargaidh, a' ciallachadh deireadh a' cheangail ris an teaghlach MacCallum aig an robh an taigh-òsta bho 1934. B' e togalach a bha seo a choisinn cliù ann an eachdraidh a' dol air ais gu 1781 nuair a chaidh a thogail le Alasdair MacLeòid a bhuineadh do Bheàrnaraigh 's aig an robh oighreachd na Hearadh aig an àm.

Anns a' phrògram seo tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' cluinntinn bho Dhòmhnall Dòmhnallach a tha na eachdraiche anns a' sgìre mu na bliadhnaichean a bha Taigh Roghadail aig a' Mhorair Dunmore agus aig a' Mhorair Leverhulme suas gu 1925. Tha sgeulachd romansach aig Dòmhnall cuideachd a dh'fhàg Taigh Roghadail glè mhòr anns na naidheachdan ann a 1850: sgeulachd Seasaidh Bhaile Raghnaill.
Tha Coinneach Caimbeul ag innse mar a chaidh a sheanair agus fear eile às an t-Òb, Seonaidh Eàirdsidh Moireasdan, sìos a Lunnainn gu rup ann an 1926 a cheannach an taigh-òsta. Bidh Ceitidh Anna cuideachd a' coinneachadh ri dithis a bha ag obair anns an taigh-òsta anns na 1950an suas ri fichead bliadhna às dèidh do Sheoc MacCallum sealbh a ghabhail air an àite. 'S iadsan Flòrag Nic A' Phiocair agus Katie Mary Mhoireasdan. Agus bithear a' cuimhneachadh air na làithean a bhiodh an 'Lochmòr' a' tadhal ann an Loch Roghadail agus mun latha eachdraidheil a thadhail am 'Brittania' anns a' bhliadhna 1956 leis an Teaghlach Rìoghail air bòrd.

Anns an dàrna pàirt den phrògram tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' faighinn dealbh air an togalach fhèin bho fheadhainn a bha an dà chuid ag obair ann agus a' frithealadh an àite agus a' cluinntinn sgeulachdan mu na caractaran a bhiodh a' tadhal ann.

1 hour

Last on

New Year's Day 2017 10:00

More episodes

Previous

Next

Coming soon

See all episodes from Taigh-Ã’sta Roghadail

Broadcast

  • New Year's Day 2017 10:00