
Còmhla ris an Urr Iain M Caimbeul, Eaglais na h-Alba, Ceann Loch
Còmhla ris an Urr Iain M Caimbeul, Eaglais na h-Alba, Ceann Loch. Gaelic religious service conducted by Rev Iain M Campbell, Kinloch Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 1-3 air fonn Dundee agus 's e Iain Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland.
Salm 40: 1-3 air fonn Kilmarnock agus 's e Donnchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlà radh ann an dachaigh ann an Cà rlabhagh.
Salm 116: 1-2 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn a chaidh a chlà radh ann an Eaglais Free North ann an Inbhir Nis.
Leughadh: Salm 23
Ceann-teagisg Salm 23: 2
Chaidh Mgr Caimbeul a thogail anns an Rubha gus an do ghluais e a Steòrnabhagh ann an 1991. Bha e ag obair mar neach-dealan bho 1984 gus an deach e air adhart airson na ministrealachd. Chaidh iompachadh ann an 1993 agus chaidh e air adhart airson na ministrealachd ann an 1999, a' dol air ais gu foghlam aig à rd-ìre aig Oilthigh Obar Dheathain. Thug e còig bliadhna gu leth a' trèanadh agus chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath ann an 2004. Ghluais e air ais a Leòdhas ann an 2008 far a bheil e na mhinistear air coitheanal Cheann Loch bhon uair sin. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' leughadh, ag iasgach agus tha ùidh mhòr aige ann an spòrs co-cheangailte ri cà raichean.
Last on
Broadcasts
- Sun 16 Mar 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Mar 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal