Main content

Còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire bho Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba an Uibhist a Tuath. Gaelic service with John A MacQuarrie, elder, Church of Scotland, North Uist.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-2 air fonn St David agus 's e Ailean Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho Eaglais Shaor a Chaoil.
Salm 23: 103 air fonn Kilmarnock agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 23: 3-4 air fonn Bedford agus 's e Dòmhnall Crichton a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.

Leughadh: Eòin 10: 1-18
Ceann-teagaisg: Salm 23: 1

Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas, Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn aig an àm sin. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadas Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Leig e dheth a dhreuchd aig HHP agus goirid an dèidh sin, phòs e agus ghluais e a dh' Inbhir Nis. 'S ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e 'n Uibhist gu math tric ri obair fearainn còmhla ri bhràthair. Thàinig atharrachadh na bheatha bho còrr air deich bliadhna fichead agus thòisich e air beagan searmonachaidh a' dhèanamh an dèidh sin. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

12 hours left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 23 Mar 2025 09:00
  • Sun 23 Mar 2025 15:00