Seirbheis còmhla ri Iain MacSuain (nach maireann)
Seirbheis bho 1994 còmhla ri Iain MacSuain (nach maireann) ministear-cuideachaidh, Eaglais na h-Alba. Archive service from 1994 conducted by the late John MacSween, Tarbert.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 89: 15-16 air fonn Torwood agus 's e Iain Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn.
Salm 17: 5-6 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Uilleam Moireasdan a tha os cionn na seinn
Salm 18: 28-29 air fonn St David agus ‘s e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn.
Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Rugadh Iain, no Seonaidh MacSuain, Seonaidh Alasdair Bhig ann a' Sgarastadh Mhòr air 18 Iuchar, 1947. Bhuineadh cuideachd a mhà thair, Seonag Iain 'ic Fhionnlaigh, do Sgarastadh fhèin agus cuideachd athar do Mhiabhag a Deas. Bha triùir bhrà ithrean aige agus ceathrar pheathraichean. Chaochail aon dhiubh na pà iste, aig aois còig bliadhna. Chaidh Seonaidh do Bhun-sgoil Sgarastaidh agus an dèidh sin do Sgoil an Òib.
Chuir e seachad cuid mhath dhe bheatha a' drà ibheadh aig trì companaidhean ionadail anns na Hearadh. Thug e cuideachd dà bhliadhna ag obair ann an Oifig a' Phuist air an Tairbeart agus mus tug a shlà int air sguir a dh'obair ann an 2004 bha e na 'ghafair' aig Loidse nam Borgh airson faisg air dusan bliadhna.
Ann an 1969 phòs Seonaidh Oighrig NicLeòid bhon Tairbeart, nighean Ailig John Sheonaidh Dhòmhnaill Chaluim à Beà rnaraigh, Na Hearadh. Tha dithis chloinne aca, Dorothy agus Iain.
Bha ùidh mhòr aig Seonaidh ann an ceòl bho bha e na bhalach, gu h-à raidh ceòl a' bhogsa, sgil a dh'ionnsaich e dha fhèin. Bha e iomadach bliadhna ann an Còmhlan Cèilidh na Hearadh agus an còmhlan a' cluiche aig dannsaichean feadh Leòdhais agus Na Hearadh. Tha Dòmhnall Iain, brà thair Sheonaidh, math air seinn agus 's e a' chiad duine a thug an t-òran Chì Mi 'n Tìr gu aire luchd-èisteachd. Na oige cuideachd bhiodh Iain a' cur seachad torr ùine còmhla ri mac a pheathar, an t-Urramach Donaidh MacSuain. Bhiodh iad a' cluich ball-coise, ag iasgach chudaigean agus a' lorg neadan seillein airson mil.
Anns na ceithir ficheadan thà inig atharrachadh am beatha Sheonaidh. Bha e na leughadair aig Eaglais na h-Alba agus chluinnear e gu math tric a' searmonachadh ann an eaglaisean air feadh Lèodhais agus Na Hearadh. Bha guth seinn sgoinneil aige agus bhiodh e tric a' cur a-mach na loidhne agus a' seinn laoidhean anns na seirbheisean agus bha e ri chluinntinn cuideachd a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh agus a' toirt Smuain na Maidne chun an luchd eisteachd air an rèidio.
Chaochail Iain MacSuain ann an Ospadal an Rathaig Mhòir air an 8mh den t-Samhain, 2010, aig aois trì fichead 's a trì.
Last on
Broadcast
- Sun 23 Mar 2025 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal