Main content

Còmhla ris an Urr Calum I Macleòid

Seirbheis còmhla ris an Urr Calum Iain MacLeòid, Eaglais Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais. Service with Rev Calum I MacLeod, minister of Ferintosh & Resolis Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 1-2 air fonn Dùn Deagh agus 's e Dòmhnall Macleòid a tha os cionn na seinn, agus Salm 143: 6-7 air fonn Walsall le Coinneach Macleòid os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 107: 28-30 air fonn Montrose agus 's e an t-Urr Raghnall Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrow Road ann an Glaschu.

Leughadh: Marcas 6; 45-56
Ceann-teagaisg: Marcas 6: 45-56

Mus deach e os cionn coitheanal Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais, bha an t-Urr Calum Iain MacLeòid ochd bliadhna os cionn coitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac agus roimhe sin bha e os cionn coitheanal Eaglais Shaor Bharabhais. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Coimhearsnachd Chalanais agus nan Geàrrannan air taobh siar Leòdhais.

'S ann do Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus bha e na Chrìosdaidh bho bha e trì-bliadhna-deug. Tha e fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an àm, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.

Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca, Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's toil leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.

7 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 30 Mar 2025 15:00

Broadcasts

  • Sun 30 Mar 2025 09:00
  • Sun 30 Mar 2025 15:00