Còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart
Còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte, Steòrnabhagh. Service conducted by Rev Kenneth Stewart, Reformed Presbyterian Church, Stornoway.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 102: 25-27 air fonn Martyrdom le Alasdair Greumach os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 71: 15-16 air fonn Evan le Dòmhnall MacIlleathain os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Paibeil an Uibhist a Tuath.
Leughadh: Genesis 47: 5-10
Ceann-teagaisg: Genesis 47: 5-10
Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thà inig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte ann an Steòrnabhagh, agus roimhe sin bha e na mhinistear air coitheanal Ghlaschu. Chuir e ùine seachad cuideachd na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 6 Apr 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Apr 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal