Còmhla ri Mgr Earraig Kwiecień
Seirbheis Didòmhnaich Slat-phailm còmhla ri Mgr Earraig Kwiecień, Eaglais Naomh Anndra, Eilean Bhòid. Palm Sunday Service with Fr Earraig Kwiecień, St Andrew's, Rothesay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Leughadh: Lucas 19: 28-40
Raibeart Robasdan a' seinn A Thighearna Dhia
Amy NicAmhlaigh a' seinn Seinneamh don Tighearna
Còisir Eaglais Naomh Peadair, Dalabrog a' seinn An Crann Ceusaidh
Còisir Òg Eaglais Naomh Barr a' seinn Tha e ga mo Ghairm
Mà iri Catherine NicNèill à seinn Èirigh Bileag Ùr Ghorm.
'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigeach ann an ceann a tuath na Pòlainne a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart còrr air fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mòr san sgìre-easbaig aige fhèin agus, às dèidh dà bhliadhna, chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e an sin airson seachd bliadhna agus thug e a-mach ceum PhD ann am Patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thìll e dhan Phòlainn bho chionn còrr is deich bliadhna, thòisich e aig obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairtean. Bha e cuideachd a’ teagasg Patristics agus Laideann ann, agus mu dheireadh bha e na cheannard air a' Cholaiste.
Nuair a bha e anns an Ròimh, dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e an sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairtean ann an diofar pharaistean. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thadhail e air tòrr à iteachan ann an Alba agus rinn e tòrr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e, “là ndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghà idhlig.â€
Dh'ionnsaich e an cà nan tro chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, ann am Flòdaigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus mu dheireadh thall thà inig Mgr Earraig na shagart gu Sgìr' Easbaig Earra-Ghaidheal 's nan Eilean. Bha e an toiseach na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban ach an uiridh, às dèidh bàs aithghearr Mhgr Ruairidh MhicIain, chaidh Mgr Earraig a' dh'Eilean Bhòid na shagart-paraiste ann an Eaglais Naomh Anndra.
A thaobh a' cheangal a th’ aig Mgr Earraig ris a’ Ghà idhlig, mar a thuirt e fhèin,“ ‘S e sgeul gaoil a tha sin.â€
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sunday 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sunday 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal