Main content

Còmhla ri Mgr Calum MacIllFhialain 2006

Seirbheis airson Didòmhnaich Slat-Phailm neo Didòmhnaich Tùrnais còmhla ri Mgr Calum MacIllFhialain 2006. Fr Calum MacLellan conducts a special Palm Sunday service from 2006.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Sineag Nic an t-Saoir a’ seinn Fàilte air Rìgh na Glòrach
Còisir Eaglais Naomh Barr a‘ seinn A Shacramaid Mhic Dhè
Còisir Eaglais Naomh Peadair a‘ seinn An Crann Ceusaidh
Còisirean Eaglais Naomh Moire, Beinn na Faoghla agus Eaglais Naomh Micheal san Iochdar a‘ seinn Anam Chrìosta

Leughaidhean: 1 Corintianaich 11: 23-26
2 Corintianaich 3: 3-7
Eòin 13: 1-15

Rugadh Mgr Calum ann an Glaschu ann an 1926 agus an teaghlach air gluasad a Ghlaschu airson ùine ghoirid, ach cha do chòrd e riutha agus thìll iad air ais a dh'Èirisgeigh. Cha robh dad a chuimhn' aige fhèin air Glaschu agus bha e air leth toilichte gun do thill iad a dh'Èirisgeigh. 'S ann aig a' Chàrnain a bha iad a' fuireach an toiseach gus an do ghluais iad chun a' Choilleig far a bheil dachaigh an teaghlaich fhathast.

Bha mu 100 sgoilear ann an Sgoil Èirisgeigh nuair a chaidh Mgr Calum innte agus bha trì tidsearan aca, ach cha robh aon duine aca a' teagasg Gàidhlig. B' ann nuair a bhiodh iad a' seinn òrain bheaga an aon chothrom a bha iad a' faighinn air a' Ghàidhlig a chleachdadh san sgoil.

Bha Mgr Calum 14 bliadhna dh'aois nuair a thàinig ceist mun an t-sagartachd an àirde. Bha a mhàthair a-muigh a' bleoghain na bà agus 's e sin an aon àm a gheibheadh tu bruidhinn rithe leatha fhèin. Chaidh e mach far an robh i agus thuirt e rithe gun robh e ag iarraidh a bhith na shagart. Thòisich ise air rànaich agus dh'iarr e oirre an naidheachd innse dha athair. Nuair a chuala athair an naidheachd thuirt e, "Carson a tha thusa ag iarraidh seo 's tu cho mì-mhodhail?".

Chaidh Mgr Calum gu Colaiste Blairs faisg air Obar Dheathain airson trèanadh a bhith na shagart. Nuair a ràinig e a' cholaiste cha robh ainm air liosta an fheadhainn a bha a' tighinn airson a' chiad uair. Aig an àm, bha agad ris a h-uile sian a bhuineadh dhut a thoirt don fheadhainn a bha ruith na colaiste, agus bha esan air mòran airgid fhaighinn bho nàbaidhean agus càirdean nuair a dh'fhàg e an t-eilean. Dh'fhaighnich an t-sagairt a choinnich ris an robh airgead aige. Thòisich e air na bh' aige a dhraghadh a-mach à phòcaid. "Ah, uill," ars an t-sagairt, "Faodaidh tu fuireach greis, co-dhiù!"

Chuir e seachad trì bliadhna a' dèanamh Seirbheis Nàiseanta. Thairis air na bliadhnaichean sin bha e ann an Gibraltar, an Èipheit agus a' Ghrèig. Mar a thuirt e fhèin, "Bha e dìreach uabhasach. Cha robh car agad ri dhèanamh ach coiseachd agus mairdseadh agus smocadh." Ach chaidh an cur a-null gu Thessalonika sa Ghrèig an uairsin agus chòrd sin ris glan.

Ach bha gairm chun an t-sagartachd fhathast ann agus thill e dhan cholaiste, an turas seo dhan Ròimh airson sia bliadhna. Chòrd an Ròimh ris gu mòr, na mìltean a' gabhail pàirt anns na seirbheisean agus gu sònraichte aig àm a' Charghais.

Thill e air ais a dh'Alba ann an 1953 gu bhith na shagart an toiseach anns an Òban, an uair sin ann an Dùn Omhain, dìreach nuair a thàinig na h-Ameireaganaich agus na bàtaichean-aigeil niùclasach.

Fhad 's a bha e na shagart bha e a' frithealadh paraistean leithid Dhailibroig, Bhòrnais - a' chiad paraiste a bh' aige fhèin - agus bha e cuideachd sa Bhàgh a Tuath, am Beinn na Faoghla agus ann am Bàgh a' Chaisteil, agus 's ann an Èirisgeidh a' chrìochnaich e a bhliadhnaichean na shagart paraiste.

Bha Mgr Calum na Iar-fhear-gairm air Comhairle nan Eilean, a' chiad chomhairle a chaidh a stèidheachadh. Air sgàth obair na comhairle, choinnich e ri mòran dhaoine bhon riaghaltas agus an teaghlach rìoghail, leis a' Bhanrigh agus am Prionnsa Philip, agus Teàrlach 's Diana nam measg.

Bha e dà bhliadhna gann de leth-cheud bliadhna na shagart nuair a leig e dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann a 2002. Tha riaghailtean na h-eaglais a' ceadachadh do shagart a dhreuchd a leigeil dheth aig 75 agus 's e sin a rinn e. Nuair a chaidh an cabhsair a thogail, bha e na b' fhasa do shagairt à Uibhist a Deas a dhol a dh'Èirisgeigh agus 's e sin a thachair. Cha robh e a' cumail cho math ach, nuair a fhuair e a shlàinte air ais, thòisich e siubhail gu àiteachan thall 's a bhos agus chuir e seachad ùine san Spàinn na shagart turas neo dhà.

Chur e seachad na làithean mu dheireadh aige air eilean àraich, a' cumail seirbheisean seachdaineil ri muinntir na paraiste agus an sàs ann an rudan sa choimhearsnachd. Ghabh e pàirt san t-sreath ainmeil, An Island Parish, còmhla ri sagairt eile san sgìre.

Anns an Iuchar 2012 thàinig sgleò mhòr air Eilean Èirisgeigh, agus na h-eileanan eile mun cuairt, nuair a sgaoil an naidheachd gun do dh'eug Mgr Calum ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhirnis.

27 days left to listen

30 minutes

Last on

Sunday 21:00

Broadcast

  • Sunday 21:00