
Còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain
Seirbheis Didòmhnaich na Cà isge còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba, Cill Tighearna. Easter Sunday service with Rev Donnie MacSween, Church of Scotland, Kiltearn.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, an laoidh agus na leughaidhean a leanas:
Salm 09: 10-11 air fonn Montrose le Aonghas Greumach os cionn na seinn, le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac.
Salm 118: 17-18 air fonn Coleshill le Iain Ailig MacLeòid os cionn na seinn, le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach.
Emma NicLeòid a' seinn An Neamhnaid Luachmhor.
Leughaidhean: Ephèsianaich 2: 1-10 & 1 Peadar 1:1-11
Ceann-teagaisg: Ephèsianaich 2: 5-6
Buinidh Donaidh MacSuain do Sgarasta sna Hearadh agus chaidh e don sgoil san Òb agus air an Tairbeart. Chuir e seachad dà bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd-sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile. B' ann an 1974 a thòisich e ag obair là n ùine aig Littlewoods agus chuir e seachd ochd bliadhna ann am bailtean mòra air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford. Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh, a' ceumnachadh le BD ann an 1990.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ceann Loch Biorbhaidh ann an 1991 far an robh e na mhinistear airson sia bliadhna. Às dèidh sin ghluais e gu Baile Eoghain agus tha e air a bhith an sin bhon uair sin.
Tha ùidh mhòr aig Donaidh ann an ceòl, gu h-à raidh ceòl soisgeulach, Gà idhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CDan agus DVDan a thoirt a-mach. Cluichidh e fhèin iomadh seòrsa inneal-ciùil, nam measg an clarinet; inneal a tha e a' faighinn air leth freagarrach airson laoidhean agus ceòl Gà idhealach. Tha a' Ghà idhlig air a bhith na thlachd mhòr dha a-riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp an cà nan agus an ceòl a bhrosnachadh.
On radio
More episodes
Next
Broadcasts
- Today 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Today 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal