Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1340
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1340. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 23 Mar 2025
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1036
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1340
Duration: 05:00
Litir 1340: Am Fear Liath Mòr (2)
Bha mi ag innse dhuibh mar a sgrìobh an sreapadair Albannach, A.M. Kellas, gu Tormod Collie mun Fhear Liath Mhòr. Bha Kellas agus a bhrà thair a’ rùrachadh airson chriostalan ann an glac faisg air mullach Beinne MhicDuibh. Gu h-obann, chunnaic iad famhair a’ tighinn gan ionnsaigh bhon chà rn-mhullaich. Theich an dithis bhrà ithrean cho luath ’s a b’ urrainn, agus an t-eagal orra.
Bha am Fear Liath Mòr aithnichte roimhe sin. Trà th anns an naoidheamh linn deug, bha an sgrìobhadair Seumas Hogg air sgrìobhadh mu dheidhinn. Sgrìobh John Hill Burton mu dheidhinn cuideachd, anns an leabhar aige The Cairngorm Mountains, a chaidh fhoillseachadh ann am meadhan an naoidheamh linn deug.Â
Ceud bliadhna an dèidh sin, sgrìobh an sreapadair Peter Densham mu dheidhinn. Bha esan an sàs ann a bhith a’ dèanamh cobhair air luchd-itealain a thà inig a-nuas anns a’ Mhonadh Ruadh tron Dà rna Cogadh. Bha e na shuidhe, ag ithe teòclaid air mullach Beinne MhicDuibh anns a’ Chèitean naoi ceud deug, ceathrad ’s a còig (1945). Bha e leis fhèin. ’S e latha soilleir a bh’ ann.
Dh’fhairich Peter fuachd agus cuideam air amhaich. Sheas e agus chuala e fuaim mar chnagadh faisg air cà rn a’ mhullaich. Cha robh e a’ creidsinn anns an stòiridh mun Fhear Liath Mhòr ach thà inig droch fhaireachdainn air, agus ghabh e eagal. Thòisich e air ruith.Â
Bha e mar gun robh cuideigin ga phutadh a dh’ionnsaigh Creag an Leth-choin às am biodh e a’ tuiteam gu a bhà s. Chaidh aige air a shlighe atharrachadh, ach cha do stad e a ruith gus an robh e shìos anns a’ Ghleann Mhòr.
Anns an leabhar aice The Secret of Spey, sgrìobh Wendy Wood mu thuras a bh’ aicese anns a’ Là irig Ghrù faisg air Beinn MacDuibh. Ged a bha i leatha fhèin, chuala i guth a’ bruidhinn rithe. Bha i a’ smaoineachadh gur ann ann an Gà idhlig a bha e a’ bruidhinn.Â
’S iomadh duine eile a rinn aithris air an aon seòrsa rud anns an aon nà bachd. Mar bu trice, ’s e faireachdainn a fhuair iad, seach sealladh. Ach rinn an sreapadair Tom Crowley tuairisgeul de na chunnaic e. Bha sin trà th anns na ficheadan dhen linn a dh’fhalbh.
Bha Crowley a’ teà rnadh bhon Bhrà igh Riabhach gu ruige Gleann Eanaich. Chuala e cas-cheumannan air a chùlaibh. Thug e sùil agus chunnaic e famhair liath. Theich e don ghleann cho luath ’s a b’ urrainn. An dèidh là imhe, thuirt e gun robh cluasan biorach aig an fhamhair, agus casan fada air an robh spògan biorach.
A-nise, tha mi airson na gheall mi o chionn fhada innse dhuibh – cò bh’ anns an Fhear Liath Mhòr a rèir muinntir an à ite. Bha iad dhen bheachd gur e an taibhs aig Uilleam Ruigh ’n Uidhe a bh’ ann. ’S e bà rd agus sealgair a bh’ ann an Uilleam. B’ esan a sgrìobh an t-òran ainmeil ‘Aig Allt an Lochain Uaine’.
Ghabh e pà irt ann am Blà r La Coruña anns an Spà inn ann an ochd ceud deug ’s a naoi (1809). Chaidh a leòn agus chaochail e ann am Portsmouth air an rathad dhachaigh. Leis nach d’ fhuair e air ais don sgìre aige fhèin, dhan tug e grà dh, tha an taibhs aige fhathast gu neo-shocrach a’ coiseachd nam beann mar a bhiodh am bà rd fhèin fhad ’s a bu bheò e.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Am Fear Liath Mòr: the Big Grey Man; gu h-obann: suddenly; teòclaid: chocolate; leis fhèin: by himself; a’ teà rnadh: descending; taibhs: ghost, spectre, apparition; Uilleam Ruigh ’n Uidhe: William (Gow) of Rynuie.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a’ rùrachadh airson chriostalan ann an glac faisg air mullach Beinne MhicDuibh: digging/searching for crystals in a hollow near the summit of Beinn MacDuibh; chunnaic iad famhair a’ tighinn gan ionnsaigh bhon chà rn-mhullaich: they saw a giant coming towards them from the summit cairn; a chaidh fhoillseachadh ann am meadhan an naoidheamh linn deug: that was published in the mid nineteenth century; an sàs ann a bhith a’ dèanamh cobhair air luchd-itealain: involved in assisting air crew; a thà inig a-nuas anns a’ Mhonadh Ruadh tron Dà rna Cogadh: that came down in the Cairngorms through the Second [World] War; dh’fhairich X fuachd agus cuideam air amhaich: X felt cold and a weight on his neck; thà inig droch fhaireachdainn air agus ghabh e eagal: a bad feeling came upon him and he became frightened; mar gun robh cuideigin ga phutadh a dh’ionnsaigh Creag an Leth-choin: as if someone were pushing him towards Lurcher’s Crag; às am biodh e a’ tuiteam gu a bhà s: from which he would be falling to his death; chaidh aige air a shlighe atharrachadh: he managed to alter his route; an aon seòrsa rud anns an aon nà bachd: the same sort of thing in the same vicinity; bhon Bhrà igh Riabhach gu ruige X: from Braeriach to X; cho luath ’s a b’ urrainn: as fast as possible; gun robh cluasan biorach aig an fhamhair: that the giant had pointed ears; casan fada air an robh spògan biorach: long feet with talons; chaidh a leòn: he was wounded; dhan tug e grà dh: which he loved; gu neo-shocrach a’ coiseachd nam beann: uneasily walking the mountains.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: trà th anns na ficheadan dhen linn a dh’fhalbh: early in the twenties of the previous century i.e. the 1920s. Another way of saying it is na naoi ceud deug ʼs ficheadan. I have also heard ‘na naoi deug ʼs ficheadan’. To say ‘the 1630s’, we have the choice of ‘na tritheadan dhen t-seachdamh linn deug’, ‘na sia ceud deug ʼs tritheadan’ or ‘na sia deug ʼs tritheadan’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mar a bhiodh am bà rd fhèin fhad ’s a bu bheò e: as would the bard himself while he was alive.
Broadcast
- Sun 23 Mar 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.