Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1341
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1341 Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 30 Mar 2025
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1037
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1341
Duration: 05:00
Litir 1341: Iain Beag MacAnndra (1)
Ann an à ite iomallach ann an Srath Spè, tha baile beag ann faisg air an t-slighe far an do thog an Seanalair Wade rathad-airm anns an ochdamh linn deug. Air na mapaichean, ’s e Dalnahaitnach a th’ air mar ainm. Ach tha cunntasan Beurla ann mu dheidhinn, agus ’s e Dalnahatnich a th’ air. Saoilidh mi gu bheil iad a’ riochdachadh na Gà idhlig Dail na h-Aitnich ‘the meadow of the juniper-place’. Tha a’ chraobh-aitinn cumanta gu leòr anns an sgìre sin, eadhon an-diugh.
Co-dhiù, ceart no ceà rr mi, tha mi a’ dol a ghabhail ‘Dail na h-Aitnich’ air a’ bhaile. Ach carson a tha mi a’ beachdachadh air an à ite sin? A chionn ’s gur ann an Dail na h-Aitnich a bha Iain Beag MacAnndra a’ fuireach. Ged a bha Iain beag, cha robh e bog. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.
An toiseach, feumaidh mi innse dhuibh cà ’ bheil Dail na h-Aitnich. Tha e ann an suidheachadh à lainn ri taobh Uisge Thulnain – the River Dulnain. Tha e beagan mhìltean suas an abhainn bho Dhrochaid Chà rr aig ceann rathad beag sà mhach. Ged a tha rathad mòr an A9 agus loidhne-rèile meadhanach faisg, nuair a ruigeas tu Dail na h-Aitnich, tha an t-à ite sìtheil. Tha thu air do chuairteachadh le nà dar – abhainn, coille agus monadh fraochach.
Cha robh an t-à ite an-còmhnaidh cho sà mhach, ge-tà . Bha e air ‘Rathad nam Mèirleach’ air am biodh luchd-togail na creiche a’ toirt sprèidh dhachaigh a Loch Abar bhon ear-thuath. Nise, cha chreid mi gur e aon rathad a bh’ ann an Rathad nam Mèirleach, ach slighe fharsaing ioma-mheurach eadar Loch Abar agus an talamh torrach ann an Srath Èireann agus cladaichean Linne Mhoireibh. Bhiodh na h-Abraich a’ togail na creiche ann agus a’ tilleadh dhachaigh, ag iomain feudail.
Bha Iain Beag MacAnndra à Dail na h-Aitnich na bhoghadair ainmeil. Tha cuid a’ cumail a-mach nach robh boghadair na b’ fheà rr na Iain air a’ Ghà idhealtachd air fad. No math dh’fhaodte ann an Alba air fad. Seo agaibh aon sgeul mu Iain à beul-aithris Shrath Spè.
Bha uachdaran an Achaidh Luachraich ann an Loch Abar os cionn grà isg a thog creach air an fhearann aig an Ròsach ann an Cill Rà thaig, faisg air Inbhir Nis. Bha iad a’ tilleadh dhachaigh leis an fheudail aca tro Shrath Èireann, pìos gu tuath air Dail na h-Aitnich. Bha fios air a dhol a-mach gu muinntir Shrath Èireann stad a chur air na mèirlich. Nan dèanadh iad sin, gheibheadh iad duais nach beag bhon Ròsach.
Bha iad a’ feitheamh ris na mèirlich ann an Coileachaidh ann an Srath Èireann. Bha muinntir Chill Rà thaig a’ leantainn nan creachadairean cuideachd. Bha uachdaran Choileachaidh air iarraidh air Iain Beag taic a thoirt dha, leis gun robh e cho sgileil leis a’ bhogha. A rèir aithris, bha Iain ann an Srath Èireann aig an à m air gnothach eile.Â
Ann an Coileachaidh bha còmhrag mhòr ann. Mharbh Iain gu leòr de na h-Abraich le a bhogha. Nam measg, bha an ceannard – uachdaran an Achaidh Luachraich. Gu mì-fhortanach do dh’Iain, dh’èigh uachdaran Choileachaidh ann an guth mòr, ‘Tapadh leat, Iain Bhig MhicAnndra à Dail na h-Aitnich, ’s e do là mh fhèin a rinn sin!’ Bhiodh fios aig na h-Abraich cò a bu choireach. Chuireadh iad romhpa dìoghaltas a ghabhail air Iain Beag MacAnndra.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: iomallach: remote, at the edge; Srath Spè: Strathspey; craobh-aitinn: juniper tree; eadhon an-diugh: even today; loidhne-rèile: railway line; monadh fraochach: heathery hills; mèirleach: robber, reiver; beul-aithris: oral tradition; uachdaran an Achaidh Luachraich: the laird of Achluachrach (in Glen Spean); Ròsach: Rose (surname); Cill Rà thaig: Kilravock; Coileachaidh: Kyllachy; Srath Èireann: Strathdearn; còmhrag: conflict.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: far an do thog an Seanalair Wade rathad-airm: where General Wade built a military road; beagan mhìltean suas an abhainn bho Dhrochaid Chà rr: a few miles upriver from Carrbridge; ceann rathad beag sà mhach: the end of a small quiet road; air am biodh luchd-togail na creiche a’ toirt sprèidh dhachaigh a Loch Abar: on which the cattle plunderers would take cattle home to Lochaber; slighe fharsaing ioma-mheurach: a broad multi-stranded route; Srath Èireann agus cladaichean Linne Mhoireibh: Strathdearn and the shores of the Moray Firth; bhiodh na h-Abraich a’ togail na creiche: the Lochaber men would plunder; tha cuid a’ cumail a-mach nach robh boghadair na b’ fheà rr na X: some people maintain that there was no better archer than X; no math dh’fhaodte ann an Alba air fad: or perhaps in the whole of Scotland; nan dèanadh iad sin, gheibheadh iad duais nach beag: if they did that, they would get a decent reward; tapadh leat, Iain Bhig MhicAnndra à Dail na h-Aitnich: thanks, Iain Beag MacAnndra from Dalnahatnich; bhiodh fios aig na h-Abraich cò a bu choireach: the Lochaber folk would know who was responsible; chuireadh iad romhpa dìoghaltas a ghabhail air X: they would decide to get revenge on X.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a’ tilleadh dhachaigh, ag iomain feudail: returning home, driving stolen cattle. Feudail is a wonderful word, which has the meaning of ‘spoils, booty’ but almost always refers to cattle, which were the primary targets of such activity in the days of the clans. Because cattle were so valuable, feudail became a term of endearment for a loved one, usually recognised today as the word eudail (m’ fheudail and m’ eudail sound the same). You will hear it widely used in the Gaelic community towards a subject of romantic love, but also a child – O, m’ eudail! ‘Oh, my darling!’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Ged a bha Iain beag, cha robh e bog: although Iain was small, he wasn’t soft. This is a well-known saying – tha e beag ach chan eil e bog.
Broadcast
- Sun 30 Mar 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.