Main content

le Maureen NicLeòid

'S e Donnchadh Dòmhnallach bhon chòmhlan Beat the Drum cèiliche na seachdain. Duncan MacDonald, from Runrig tribute band Beat the Drum, is Maureen's guest this week.

Dh' adhbhraich Jeffrey Goldberg bho iris an Atlantic stoirm de chonnspaid ann an Washington an t-seachdain sa - nuair a dh' innis e gun deach fiosrachadh dìomhair bho riaghaltas nan Stàitean a chuir thuige le mearachd, tro theachdaireachd air a' fòn aige. Ach dè th' anns an aplacaid Signal, far an deach Goldberg chuir ann an còmhradh le ceannardan riaghaltais - agus dè as còir do luchd-riaghlaidh cleachdadh son conaltradh? Tha an eòlaiche teicneòlais Dòmhnall Iain Dòmhnallach cuide rinn son ar cumail ceart.

Cò nach eil air Mary Berry fhaicinn air an t.bh. thar nam bliadhna mu dheireadh - is a' bhana-chòcaire air fàs air leth ainmeil. Tha i a' comharrachadh cò-latha-breith gu math mòr cuideachd, is i 90 bliadhna a dh' aois, ach cò na còcairean ainmeil as fheàrr le triùir?

Agus 's ann ceòlmhor a tha ar cèiliche an t-seachdain sa - Donnchadh Dòmhnallach, à Stafainn san Eilean Sgitheanach. Na stiùiriche teilibhisean na obair latha, bidh Donnchadh cuideachd a' cluich sa chòmhlan Beat the Drum - còmhlan a bhios a' gabhail òrain Runrig. Dè thug e gu ceòl, is dè an tarraing a th' ann a bhith a' cluich don chòmhlan?

5 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 26 Mar 2025 22:25

Broadcasts

  • Wed 26 Mar 2025 09:00
  • Wed 26 Mar 2025 22:25