Main content

le Maureen NicLeòid

Carson nach eil daoin' òga son a bhith nan dràibhearean HGV tuilleadh? Why don't young people want to be HGV drivers?

Tha Oifis na Statastaig Nàiseanta air innse gu bheil nas lugha na 2% de dhaoine fo aois 25 a-nise a' cur a-steach son dreuchd mar dhràibhear HGV. Dè as coireach? Tha Maureen ann an còmhradh ri feadhainn a bha 's a tha a' dràibheadh làraidhean is eile.

Tha Riaghlatas na h-Alba air £25millean eile a chuir ri sgeama son pàircean-cluiche chloinne, air feadh na dùthcha, a leasachadh. An-diugh, tha Maureen a' bruidhinn ri aoighean mu na cur-seachadan agus na raointean-cluiche a bh' aca fhèin nan òige.

Tha 100 bliadhna ann an t-seachdain seo fhèin, bho chaidh a' chiad geama rugbaidh a' chluich aig stèideam Murrayfield ann a Dùn Èideann. Tha sinn a' coimhead air ais air eachdraidh an àite, cuid de na tachartasan a th' air a bhith ann tro na bliadhnaichean 's a toirt beachd air mar àite son cuirm-ciùil agus mar raon spòrs.

5 days left to listen

57 minutes

Last on

Thu 27 Mar 2025 22:25

Broadcasts

  • Thu 27 Mar 2025 09:00
  • Thu 27 Mar 2025 22:25