Main content

le Maureen NicLeòid

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.

'S iomadh cuimhneachan a th' aig mòran air là trang nigheadaireachd Diluain! Aig toiseach na seachdain, chuala sinn bho cheathrar aig a bheil deagh chuimhne air saothair Dhiluain.

Tha an Tour de France a' tighinn a Dhùn Èideann an ceann dà bhliadhna. Dè seòrsa leantainn a th'aig rothaireachd mar spòrs ann an Alba? Bha Maureen ann an còmhradh ri triùir mun sin Dimàirt.

Agus b' ann ceòlmhor a bha ar cèiliche an t-seachdain sa - Donnchadh Dòmhnallach, à Stafainn san Eilean Sgitheanach. Bha e na stiùiriche telebhisean ach cuideachd a' cluich sa chòmhlan Beat the Drum - còmhlan a bhios a' gabhail òrain Runrig. Dè thug gu ceòl e, is dè an tarraing a th' ann a bhith a' cluich don chòmhlan?

Tha Riaghaltas na h-Alba air £25millean eile a chuir ri sgeama son pàircean-cluiche chloinne air feadh na dùthcha a leasachadh. Madainn Dhiardaoin, bha Maureen a' bruidhinn ri aoighean mu na cur-seachadan agus na raointean-cluiche a bh' aca fhèin nan òige.

8 days left to listen

57 minutes

Last on

Sun 30 Mar 2025 12:00

Broadcast

  • Sun 30 Mar 2025 12:00