Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Tha Cathy 's a h-aoighean a' toirt sùil tro cholbhan-beachd an deireadh sheachdain. Cathy and guests review the weekend's newspaper columns.

Gach Diluain tha dithis cuide ri Cathy le 'n taghadh fhèin bho cholbhan beachd an deireadh sheachdain. 'S iad Iain X MacÌomhair agus Siusaidh NicDhonnchaidh a tha a' dèanamh sin an-diugh. Saoil dè na cuspairean, is cò na sgrìobhaichean, a ghlac an aire?

'S tric a bhios sinn a' cluinntinn gum bu chòir do bhoireannaich aig a bheil dùil ri bèibidh cumail air falbh bho chaoraich aig àm breith nan uan. Tha an lighiche-sprèidh, Iain MacIllEathain a' mìneachadh carson agus dè an cron a tha na lùib.

Thig àrdachadh air cosgaisean leithid dealan, gas, fòn is eile bhon a-màireach. Tha an t-eòlaiche ionmhais Dòmhnall Màrtainn, a toirt stiùir air dè ghabhas deànamh mun sin, fiù 's ro mheadhan-oidhche a-nochd.

10 days left to listen

57 minutes

Last on

Mon 31 Mar 2025 22:25

Broadcasts

  • Mon 31 Mar 2025 09:00
  • Mon 31 Mar 2025 22:25