Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Ciamar a bhios crithean-talmhainn a' tachairt, agus carson a tha cuid buileach cunnartach? Prof. Uisdean Nicolson speaks to Cathy about the science behind earthquakes.

Cha bheag an call a tha crith-thalmhainn air adhbhrachadh ann am Myanmar - le na mìltean air am marbhadh, is mìltean mòra eile gun dachaigh. Ach ciamar agus carson a bhios cuid de chrithean-talmhainn cho cunnartach, seach cuid eile? A bheil saidheans a' tighinn càil nas fhaisge air tuigse a thoirt dhuinn mu nuair a bhios crith eile a' tighinn? Tha an t-Oll. Ùisdean MacNeacail bho Oilthigh Heriot-Watt air a bhith air turas o chionn beagan mhìosan a' cladhach ann an uisgeachan Iapan gus tuilleadh ionnsachadh mu chrithean-talmhainn, is tha e còmhla ri Cathy gus an tuilleadh a mhìneachadh.

Tha mòran air togail o chionn ghoirid mu na tha de dh' fhoill ann an gnìomhachas an uisge-beatha - gu sònraichte nuair a tha daoine a' feuchainn ri airgead mòr a chosg air tocasaid neo botal sònraichte is iad an dùil ri àrdachadh anns an luach sin. Cluinnidh sinn bho Mhurchadh Caimbeul, a tha gu math eòlach air a' ghnìomhachas, mu mar as fheàrr a sheachnas sinn foill is luchd-meallaidh.

Le bàta-aigeann ùr Ruiseanach aig muir, tha a' bheàrn eadar dùthchannan an iar agus na Sìonaich is na Ruiseanaich a' leudachadh ann an aon roinn theicneòlais: urchairean "hypersonic", a shiubhlas aig còig uidhir de dh'astar is a thèid fuaim. Dè dìreach a th' unnta, agus carson a tha Sìona is an Ruis air thoiseach air Breatainn is nan Stàitean Aonaichte?

Agus 's e Calum MacLeòid, sgrìobhaiche is fear-naidheachd, a th' air dithis ghaisgeach a thaghadh ann an eachdraidh. Cluinnidh sinn bho Chalum mu Franz Jägerstätter, a dhiùlt sabaid airson nan Nàsach san Dàrna Cogadh; agus Jorge Luis Borges, sgrìobhadair air leth comasach à Argentina.

11 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 1 Apr 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 1 Apr 2025 09:00
  • Tue 1 Apr 2025 22:25