Air ùrachadh: 26 An Dàmhair 2022
Gheibhear stuthan a’ BhBC tro innealan gutha Amazon Echo is Google ѿý. Bheir sinn taic do dh’innealan gutha eile rè ùine.
Dè na stuthan ѿý a gheibhear air Google ѿý?
ѿý Sounds
Faodar èisteachd ri na stèiseanan rèidio ѿý as fheàrr leat. Can: “Ok Google, play ѿý [stèisean rèidio]”. .
Naidheachdan
Tha ѿý Naidheachdan, Naidheachdan World Service agus ѿý Minute air fad rim faighinn. Can: “OK, Google, play the news”. .
An-dràsta, chan fheum thu logadh a-steach gud chunntas ѿý airson Google ѿý a chleachdadh.
Dè na stuthan bhon BhBC a gheibhear air Amazon Echo?
ѿý Sounds
Le Skill a’ BhBC, faodar èisteachd beò ri stèiseanan rèidio a’ BhBC air fad agus ar susbaint air iarrtas air fad a chluich, a’ gabhail a-steach phrògraman, podcastan agus measgachaidhean ciùil.
Cuir eòlas air òrduighean airson ѿý Sounds air Amazon Echo/Alexa.
Naidheachdan eadar-ghnìomhach
Airson na naidheachdan as ùire fhaighinn, can “Give me ѿý News” ri inneal Alexa sam bith.
Airson gluasad tro na sgeulachdan: “Alexa, next”.
Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu sgeulachd shònraichte: “Alexa, more from the ѿý”.
Flash Briefings
Tha , , , agus air fad rim faighinn mar Flash Briefings. Can: “Alexa, play my Flash Briefing”.
Ma tha inneal Amazon le sgrion agad, leithid an Echo Show no Echo Spot, gheibh thu Flash Briefings ѿý Naidheachdan mar bhidio.
Ciamar a gheibh mi ѿý Skill air Amazon Echo?
Airson Skill a’ BhBC a chur an comas gu fèin-obrachail, can: “Alexa, open the ѿý”. Neo, faodaidh tu Skill a’ BhBC a lorg agus a chur an comas tro app no . Tha e an-asgaidh.
An uair sin feumaidh tu do chunntas ѿý a cheangal ris an inneal gutha. Airson sin a dhèanamh, cliog air a’ phutan Seataidhean airson Skill a’ BhBC ann an app Alexa.
Mura bheil cunntas ѿý agad, faodaidh tu clàradh airson fear – rud a tha luath is sìmplidh. Feumaidh tu a bhith nas sine na 13 gus na cunntais a cheangal. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu mar a bhios sinn a’ cumail d’ fhiosrachadh tèarainte, tadhail air .
Airson ‘s gun obraich Skill a’ BhBC, feumaidh cànan Alexa a bhith suidhichte aig Beurla (RA) seach Beurla (SA). Airson fiosrachadh nas mionaidiche mu bhith stèidheachadh skills, rach gu duilleag air Amazon.
Taic le bhith a’ cleachdadh Skill a’ BhBC
Nuair a tha thu a’ cleachdadh Skill a’ BhBC, ‘s urrainn rian a chumail air na stuthan ris a bheil thu ag èisteachd le stiùireadh guth. The e cho sìmplidh sin.
Airson an skill a thòiseachadh, can “Alexa, open the ѿý”.
Gus do chuideachadh tòiseachadh air an seo, thèid faighneachd dhut dè an stèisean rèidio, prògram no podcast a chòrdadh e riut a chluinntinn nuair a thèid thu gu Skill a’ BhBC airson a’ chiad uair. Neo, airson faighinn gu na rudan as fheàrr sa bhad, can “Alexa, ask ѿý to play [stèisean rèidio, prògram no podcast]”.
Duilgheadasan le bhith a’ cluich phrògraman ѿý air innealan Amazon Echo
Tha sinn mothachail gu bheil duilgheadasan aig cuid den luchd-cleachdaidh le bhith a’ cluich stèiseanan agus prògraman ѿý air innealan Amazon Echo. Mar eisimpleir, uaireannan chan fhaighear lorg air stèisean no prògram, uaireannan cha chluich iad, neo bidh an ceangal a’ fàilneachadh.
Tha sinn a’ toirt sùil air an seo cuide ri Amazon. Aig an ìre seo, faodar na leanas fheuchainn:
- An toiseach, dèan cinnteach gu bheil seataidhean cànain Alexa suidhichte aig Beurla (RA).
- Cuideachd, is fhiach dearbhadh gu bheil d’ inneal a’ cleachdadh ma bathar bog as ùire.
Nì sinn ùrachadh air an fhiosrachadh seo nuair a tha stiùireadh eile againn.