Main content

Dearbaidhean gu leòr an Cupa MhicThàmhais

Thàinig geamaichean ionadail inntinneach às an ad san taghadh airson Chupa MhicThàmhais Diluain.

Nan measg bidh Gleann Urchadain an aghaidh Lòbhat agus Loch Abar an aghaidh Cill Mhàilidh.

Dh'fhaodadh cuideachd gum bi dearbaidh ann am Bàideanach is Baile Ùr an t-Slèibh gus coinneachadh ri Ceann a' Ghiùthsaich mas urrainn dhaibh a' chùis a dhèanamh air na Sgitheanaich.

Sa gheama eile bidh Ceann Loch Seile an aghaidh a' Ghearasdain.

Tha an taghadh mar a leanas:

Ceann a' Ghiùthsaich- Baile Ùr an t-Slèibh/Camanachd an Eilein Sgitheanaich

Ceann Loch Seile - An Gearasdan

Loch Abar - Cill Mhàilidh

Gleann Urchadain - Lòbhat

Bidh na geamaichean ann air an 19mh den Ghiblean.

/naidheachdan/sgeulachdan/c5y4jx3edpyo