Main content

Melissa Andreatta air ainmeachadh mar choidse na h-Alba

Chaidh an t-Astràilianach Melissa Andreatta ainmeachadh mar choidse ùr sgioba nàiseanta nam ban aig Alba.

Tha i an-dràsta na leas-choidse aig sgioba Astràilia fhèin.

Chuir Andreatta, 46, ainm ri cùmhnant ceithir bliadhna.

Tha i a' dol an àite Pedro Martinez Losa, a dh'fhàg a dhreuchd san Dùbhlachd is e air faileachadh air Alba a thoirt dha na h-Euros.

Tha Michael McArdle air a bhith san obair gu h-eadar-amail bhon uairsin.

Thàinig an t-àm aigesan san dreuchd gu ceann ann an Wolfsburg Dimàirt is Alba a' call 6-1 ris a' Ghearmailt ann an Lìog nan Nàiseanan - às dèidh call 4-0 riutha aig Tannadice Dihaoine a chaidh.

Tha Melissa Andreatta air a bhith na leas-choidse aig Astràilia bho 2019 is bha i os cionn na sgioba nàiseanta aig ìre Fo 23 bho 2022.

Ron sin stiùir i Brisbane Roar gu tiotal Astràilia.

"Tha mi air mo dhòigh a bhith os cionn sgioba nam ban aig Alba ann an linn ùr", thuirt i.

"'S e an targaid a th' ann Alba a thoirt gu farpaisean mòra gu cunbhalach is leis an sguad ag atharrachadh an-dràsta 's e cothrom air leth a tha seo togail às ùr".

Bidh a' chiad gheama aice an aghaidh na h-Ostaire air an 30mh den Chèitean.

/naidheachdan/sgeulachdan/cj45585ez1ko