Main content

Ailean Savage air ainmeachadh mar an tagraiche ròghnaichte 'son Caley Thistle Inbhir Nis

Chaidh an comhairliche ionmhasail, Ailean Savage, ainmeachadh mar an tagraiche ròghnaichte airson Caley Thistle Inbhir Nis a ghabhail thairis.

Dh'innis luchd-rianachd feasgar Diardaoin gun deach aonta a ruighinn air iasadan agus talamh mu thimcheall air an raon-chluiche.

Tha iad a-nis ag amas air an club a thoirt a-mach à rianachd ro dheireadh an t-seasain.

Tha tuilleadh aig Ruairidh Alasdair Mac 'illInnein.

/naidheachdan/bhidio/c33z1nd44p8o