Seusan ùr iomain nam fear gus tòiseachadh
Cha mhòr nach eil làithean a' gheamhraidh air ar cùl agus tha siud a' ciallachadh gum bi na camain a' dol a dh'aithghearr.

Am faigh Ceann a' Ghiùthsaich tiotal an lìge uair eile - a' cosnadh Grand Slam eile aig an aon àm?
A bheil sgioba sam bith eile gus feuchainn ri stad a chur orra? Agus dè tha na manaidsearan ùra ann am Prìomh Lìog nam fear ag amas air am-bliadhna?
Uill, fhuair sinn an cothrom bruidhinn ris a h-uile manaidsear air thoiseach air a' chiad gheama dhen t-seusan aca Disathairne.
Ceann a' Ghiùthsaich
Manaidsear - Iain Borthwick
Ged a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich an ceathramh tiotal lìge ann an sreath, ghlèidh iad e an-uiridh le 'Grand Slam' eile - an dearbh rud a rinn iad ann an 2022.
"Às dèidh 'Grand Slam' a chosnadh, dh'fhaodadh tu ràdh gum bi na sgiobaidhean eile a' dèanamh oidhirp sònraichte airson a' chùis a dhèanamh oirnne," thuirt Iain Borthwick.
"Nì na sgiobaidhean eile adhartas am-bliadhna agus air pàipear, tha sinn fada air thoiseach orra ach chan eil mi a' faicinn sin fad an t-siubhail air a' phàirce.
"Feumaidh sinn a bhith nas fheàrr air an t-seusan seo agus feumaidh sinn cluich mar gum biodh sinn a' cluich nar n-aghaidh fhèin.
"'S e call a th' ann nach bi Seumas Falconer còmhla rinn am-bliadhna," thuirt Borthwick, is Seumas a-mach airson an t-seusain air fad.
"Agus tha mi air leth thoilichte gu bheil Roddy Young againn air ais fut ge-tà," thuirt e.
Sgiobair - Thomas Borthwick
Cabar Fèidh
Manaidsear - Garry Reid
'S iad Cabar Fèidh a chrìochnaich anns an dàrna àite an-uiridh às dèidh dhaibh adhartas air leth a dhèanamh fo stiùir Garry Reid.
"Aig a' char as lugha air an t-seusan seo, feumaidh sinn adhartas a dhèanamh, feumaidh sinn cothroman cupannan a bhuannachadh agus tha siud a' ciallachadh gu bheil feum againn cuairtean deireannach a ruighinn.
"Chaill sinn cus gheamaichean aig toiseach an t-seusain aig an taigh an-uiridh," thuirt e.
"Mar sin, tha mi airson 's gum biodh an sgioba againn nas fharpaisiche, nas tràithe na sgioba sam bith eile, tha mi airson 's gum bi sinn ullaichte agus làn-fhios air an dòigh-chluiche againn," thuirt Garry Reid.
Sgiobair - Liam Symonds
Ceann Loch Seile
Manaidsear - Uilleam MacRàth
Chrìochnaich Ceann Loch Seile dìreach aon phuing air dheireadh air Cabar Fèidh san treasamh àite an-uiridh.
"Tha Ceann a' Ghiùthsaich a' dèanamh na tha a dhìth orra airson geamaichean a bhuannachadh, dìreach gu leòr airson faighinn seachad air an loidhne," thuirt manaidsear Cheann Loch Seile, Uilleam MacRàth.
"'S e cho fut 's a tha an sgioba againn a tha gam dhèanamh cho toilichte," thuirt e.
A' bruidhinn air an dusan puing a bha eadar iad fhèin agus Ceann a' Ghiùthsaich, thuirt Uilleam gun robh e cinnteach gun robh e comasach dhaibh a' bheàrn sin a dhùnadh.
"Tha cuideam oirnn cupa air choireigin a bhuannachadh cuideachd - bhiodh e air leth math Cupa na Camanachd fhaighinn... agus bidh Fionnlagh MacRàth ag iarraidh a thogail mar sgiobair," thuirt Uilleam MacRàth.
Sgiobair - Fionnlagh MacRàth
Camanachd an Òbain
Manaidsear - Daniel Camshron
Chrìochnaich Camanachd an Òbain leis an aon àireimh de phuingean ri Ceann Loch Seile agus leig Gareth Evans dheth a dhreuchd os cionn na sgioba le Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu sa phreas an-uiridh.
Tha Daniel Camshron air tighinn a-steach na àite is e a' dèiligeadh le cluicheadairean a' fàgail.
'S e buille mhòr a th' ann dhaibh gun teagamh gun deach Daniel is Matthew Sloss gu Baile Ùr an t-Slèibh.
"Feumaidh sinn cruth ùr a lorg agus feumaidh na cluicheadairean òga a thig a-steach cluich anns an dòigh aca fhèin anns a' chruth sin," thuirt e.
"Chan eil mi airson 's gum bi iad a' tighinn a-steach a' feuchainn ris a' bheàrn a dh'fhàgas an t-eòlas a lìonadh - cha dèan e feum sam bith ma dh'fheuchas tu cluich coltach ri cluicheadair eile".
Sgiobair - Daniel MacBhiocair
Baile Ùr an t-Slèibh
Manaidsear - Peadair Rosach
'S e Peadair Rosach a tha air dreuchdan Thormoid MhicArtair agus Evan Cheyne a lìonadh aig an Eilean is e ag ràdh gur e an obair "as motha" aige ann an iomain.
"Tha sinn a' cruthachadh sgioba às ùr agus tha sinn ag amas air a h-uile sìon am-bliadhna. Tha mi den bheachd gu bheil an cluba ann an àite air leth math," thuirt Peadair.
"Tha e sgoinneil gu bheil na bràthairean Sloss còmhla rinn," thuirt e.
"'S e Daniel fear de na cluicheadairean-dìon às fheàrr ann an iomain agus 's e Matthew fear de na cluicheadairen òga às fheàrr ann an iomain," thuirt e.
"Chan eil e a' cur dragh sam bith orm mun dhòigh a dh'fhàg iad Camanachd an Òbain", thuirt e.
Sgiobair - Craig Ritchie
Camanachd an Eilein Sgitheanach
Manaidsear - Uilleam Dòmhnallach
Tha amas sìmplidh aig na Sgitheanaich às dèidh dhaibh crìochnachadh san t-siathamh àite an-ùiridh.
"Tha sinn ag iarraidh a bhith nas fheàrr na an-uiridh," thuirt Uilleam Dòmhnallach, manaidsear Chamanachd an Eilein Sgitheanaich.
"Tha sinn airson adhartas a dhèanamh san lìog agus ma tha thu airson cupannan a bhuannachadh, feumaidh tu buannachadh an aghaidh nan sgiobaidhean às fheàrr.
"Tha Ceann a' Ghiùthsaich againn ann an Cupa na Camanachd agus Baile Ùr an t-Slèibh againn ann an Cupa MhicThàmhais - ach 's ann aig an taigh a tha sinn agus 's e sgioba eadar-dhealaichte a th' annainn aig Pàirce nan Laoch".
Sgiobair - Sam Mac a' Phì
Lòbhat
Manaidsear - Iain MacNeacail
'S e Iain MacNeacail a bhios aig an stiùir ann an Cill Targhlain am-bliadhna às dèidh do Jamie MacMhathain fàgail.
Tha Iain air obair ùr a thòiseachadh a tha a' toirt dha cothrom na deiridhean-seachdain aige a chumail do dh'iomain.
Tha e an dùil smaoineachadh mun gheama ann an dòigh caran eadar-dhealaichte.
"Chan eil [iomain] air atharrachadh cus. Chan eilear a' feuchainn cus dhòighean-chluiche ùra.
"Anns na cuairtean deireannach, 's dòcha gum faic thu 'set-piece' ùr ach chan eil sin a' tachairt tric. Tha mise airson sùil a thoirt air sin".
Sgiobair - Martainn Mainland
Caol Bhòid
Manaidsear - Grant Profit
Tha Grant Profit a' tighinn a-steach mar mhanaidsear às dèidh dha an còig bliadhna mu dheireadh a chur seachad os cionn na dàrna sgioba.
Tha Profit air dithis seann chluicheadairean Oban Celtic fhaighinn a-steach - Iain MacPhàrlain agus Jamie Forgrieve. Thuirt e gu bheil e air a bhith ag iarraidh Iain airson greis agus leis gu bheil iad air Iain MacIlleBhàin a chall eadar na puist a-nis, tha seo air togail a thoirt dhaibh.
"Saoilidh mi gu bheil e comasach dhuinn cupa a bhuannachadh am-bliadhna ach tha an lìog gu bhith nas doirbhe leis gu bheil siubhal na lùib," thuirt Profit.
"Tha sinn air targaidean a chur ri chèile airson an dà chuid puingean aig an taigh agus air falbh bhon taigh agus bu chòir gum bi sinn cofhurtail ma choisinneas sinn sin".
Sgiobair - Conor Ceannadach
An Gearasdan
Co-mhanaidsearan - Ailean Knox, Seumas Tangney, Niall Robasdan
Bhuannaich an Gearasdan an Lìog Nàiseanta an-uiridh.
"'S e ìre gu tur eadar-dhealaichte a th' ann sa Phrìomh Lìog agus tha e a' cur cuideim air an sguad air fad agad a' cluich an aghaidh nan sgiobaidhean sin a h-uile seachdain," thuirt Seumas Tangney, fear de na co-mhanaidsearan aca.
"Anns an Lìog Nàiseanta, 's urrainn dhut aon laigse a chleachdadh ann an sgioba airson a' chùis a dhèanamh orra ach feumaidh tu a bhith sònraichte math air feadh na pàirce san lìog seo.
"Tha mi airson fuireach san lìog ach bhithinn gu math toilichte nam biodh sinn a' crìochnachadh sa chiad leth leis na sgiobaidhean eile draghail mu na geamaichean aca nar n-aghaidh aig an Àird".
Sgiobair - Lewis Clark
A' Mhanachainn
Co-mhanaidsearan - Niall MacIllFhinnein agus Griogair MacCarmaig
Tha a' Mhanachainn air ais anns a' Phrìomh Lìog.
Dh'innis Niall MacIlleFhinnein gur e an aon diofar a th' aca am measg na sgioba 's e gu bheil barrachd chluicheadairean òga a' faighinn cothrom cluich dhaibh.
"'S e 22 ar n-aois chuibheasach thairis air an sguad againn," thuirt e.
"Gun cheist sam bith, 's e ceum nas àirde a tha seo sa Phrìomh Lìog ach tha na balaich deiseil air a shon.
"Ann an suidheachaidhean coltach ri seo, feumaidh amasan mòra a bhith agad.
"Bhiodh e sònraichte math cupa fhaighinn am-bliadhna. Dh'fhaodadh daoine magadh a dhèanamh air sin ach carson nach urrainn dhuinn a bhith ag amas air?"
Sgiobair - Ryan MacAoidh
A' chiad seachdain - 1 am Màrt
Camanachd an Òbain - Ceann Loch Seile
Cabar Fèidh - Baile Ùr an t-Slèibh
An Gearasdan - Caol Bhòid
Ceann a' Ghiùthsaich - A' Mhanachainn
Lòbhat - Camanachd an Eilein Sgitheanaich